-
VOL. V I . S I D N I , C. B. , D I - H A O I K E , 12 N O B H E
M B E R , 1897. No. 20 .
Litir as a Ghaidhealtaehd.
A MHIC-TALLA TONMHUINK,—Is fhacT o'a a chuala sibh fuaim mo
ghutha, ach cha'n fhaol sibh a bhith smuainteachadh bho sin gu'n do
dbi-chuimhnich mi sibh, 's mi nach do dhi-chuimhnich. Cha'n fhaca
mi litir bho Tbir nam Beann 'nur paipear luachmhor o chionn tacain
agus uime sin shaoil mi gu 'm bitheadh e freagarrach dhuibh beagan
shreath fhaotainn a leigeil fhaicinri mar a tha cuisean a dol air
aghaidh anns an duth-aich aig an am seo.
'S a cheud aite a thaobh ar canain fein. Thainig a mach ainmean
nan aiteachan sin a tha teagasg na Gaidhlig anns na sgoiltibh, anns
an Naigheachd Ghaidhealach, agus tha mi cinnteach gu'ra bi moran do
ur luchd-leughaidh a bhitheadh toilichte fhaotainn a a mach c'aite
a bheil na Gaidheil a c6mh-nuidh anns a Ghaidhealtachd agus c'aite
nach 'eil. 'S iad seo ainmean nan sgoiltean far an deach ar canain
a fht-agasg air a •«ir..l,:;iT.a'ir-.T — * " • - —
Ann an siorrachd Earraghaidheal:—Sron-toilear (an Oban), Sgoil
na h-Eaglais Cathol-aich (an Oban), Creich, Bunessan, Port na
h-Abhuinn, Port an Eilein, Fanm6r, Fris-laig, Hullepool, Cille
Muire (Ardnamur-chan), Cbrragnidr, Dalmhailidh, Lochaluinn, Ruaig,
Cille Chuain (Ardnamurchan), Baile Martainn, agus Sgarnish.
Ann an Siorrachd Inbhirnis :—Aldourie (Dores),
Ceann-a'-ghuibhsaich, Drochaid Ruaidh (Lochabar), Drochaid
Chlachach (Uidhist mu dheas), Sgaraista (na h-Earadh).
Ann an Siorrachd Pheairt:—Ceann Loch Raineach.
Ann an Siorrachd Chataobh :—Duirinis. Tha mi toilicht' a
chluinntean gu'n do
chuir na sgoiltean a leanas rompa a' Ghaidh-lig a theagasg do 'n
chloinn 'sa bhliadhna seo tighinn.
Earraghaidheal : — Loch-nan-Eala, Ard-chonnthuil. Ihbhirnis : —
Carnaich (Cille Moraig), Paible (Uidhist mu Thuath),
Cille-righbhagh (Uidhist mu Dheas), Torrain (Srath). Siorr. Rois
:—Barbhas (Le6ghas).
Bha reic mhor o chionn uine ghoirid air na seann rudan ne6nach
aig Mr Iain Noble, nach maireann, am fear-reic-leabhraichean air
Sraid a' Chaisteil, Inbhirnis. Tha iad a deanamh dheth nach robh
cuisean cho luachmhor an suiiean Gaidheil a chaidh a reic 'san
Taobh Tuath bitheanta roimhe Cha deach na leabhraichean a dh' fhag
e sreic .fhathast, ach bithidh iad sin air an cur
fa sgaoil cuideachd an uine ghoirid. Tha side gle bhochd againn
o chionn
fhada, acb bha tri no ceithir laithean griau-ail againn air an
t-seachdain seo chaidh. Tha 'm buntata gle ghann am bliadhna, agus
an galar gle phailt, mar sin tha na prisean an iomadh aite faisg
air dubailt air na bha iad an uiridh. Tha na h-uibhean a reic anns
na buithean 'san duthaich aig Is 5d. an dusan, agus tha 'n t-aran
6d. an cairteal an siorrachd Pheairt, agus 7d. an Inbhirnis, agus
sa' chuid a's mo deShasuinn. Tha 'n t-im Is. 2d. am punnd.
Chunnaic mi anns a' phaipear o chionn tacain gu 'n do gheall na
rathadan-iaruinn an Albainn a ghiulan bocsaichean le uibh-ean,
measan, agus an leithid aig leth na cosdais a bha iad ag iarraidh
gus a seo. Tha iad a deanamh dheth gu 'm bitheadh seo na
chuideachadh mor do na daoine bochda, ach cha 'n eil fhi< s
;>gam c'aite am faigh iad na daoine bearl •> _-h" no bochda
idir
"•mil,"fitiWldT(ia~i,^tafciltfaran%r4ghaidh a' cur achadh ri
achadh • fo chaoraich agr.s feidh mar a tha iad a deanamh fhathast,
cha bhi soirbheas, no airgiod, no toil, no rud sam bith 'sa
Ghaidhealtachd gus an spionnar as na h-uachdaran mora uile gu leir,
agus lagh air a chur air chois nacb leig le duine sam bith
tuilleadh air leth-cheud acair a bhith aige, no uiread acraichean
is urrainn e fhein agus a theaghlach a chumail fo bharr.
A guidhe sonas agus soirbheachas gu MAC TALLA. IS mise ur
caraid,
CEEAG-AN-FHITHICH.
Litir o'n Chuairtear. A DHEAGH CHARAID,—Is iomadh car a
chuir mi fhin's an saoghal o'n sgriobh mi ugad mu dheireadh. Mar
is math a tha fios agad fhein, 's fior thoigh leamsa, aig amann-an
araid de 'n bhliadhna, deiseachan matha aodaich a chur air na fir,
agus toirt air na mnathan paigheadh air an son. Agus tha mise 'g
innse dhuit gu feum duine bhi 'na dhuisg 'nuair a theid e cheannach
cloimhe bho na cailleachan. Cha 'n eil greim a leth cho teann aig
a' chl6imh air na caoraich 's a th' aig na cailleachan air a
chloimh. Chuala sinn mu fhoighidin l o b ; bu mhath learn fhin
fhios a bhi agam am b' abhaist do ua cailleachan a bhi 'creic
cl6imhe 'san am sin, agus an robh lob 'ga ceannach uapa. Coma
co-dhiu tha an samhradh seachad, agus cha 'n eil math a bhi 'cumail
suas gamhlais. Bidh iad fhein's mi-fhin cairdeil
gu leor mu 'n ti; 's math leotha-san i bhi laidir, agus sin mar
a ch6rdas i riumsa.
Tha'mi nise a im an ceann a tuath siorrachd Inbhirnis, a cur air
chois loidsichean ura do 'n I. 0 . G. T., agus a deanamh na 's
urrainn domh gu mi-stuamachd fhogradh as an duthaich. Fhuair mi air
adhart gle mhath. Tha an duthaich an so moran na's briagha na tha
ceo,nn a deas an eilein. Cha 'n eil e ro ghlic dhoinh a bhi 'g radh
tuilleadh 'sa ch6ir mu mhaise na h-airde tuatha, oir th.a agam ri
dhol do shiorrachd Richmond air an t-seachdain s'a tighinn; ach cha
tuig Fwingaich L'Ardoise agus St. Peter's Gailig, agus tha na
Gaidheil ro-ghlic air son na their mi a ghabhail gu h-olc.
Cha 'n eil mi 'smaoineachadh gu bheil cearna sam bith de 'n
eilean cho briagha ris a' chearn a tuath. Leis na beanntan arda, na
srathan gorma, eomhnard, agus na glinn fhada, chaol, 's beag an
t-ioghnadh ged a thogadh an diithaicii fonn nam bard, 's ged
a'bheireadh i orra bhi seinn drain bhinn, che61mhor, mar a tha
"Cnoic us glinn a' Bhraighe." Gu dearbh cha mhor naeh d' rinn gach
sealladh a fhuair mi air an duthaich bard dhiom fhein. Ach a chum's
gu'm bi fhios agaibh gu bheil nithean ann nach gabh deanamh,
faodaidh mi innse dhuibh nach d' fhuair mi a' cheud cheathramh dhe
m' 6ran a chur ri cheile fhathast. Cha dean duthaich bhriagha no ni
sam bith eile bard dhiomsa. Tha an t-aite so air aiteach le
Gaidheil, Sasunnaich, agus Frangaich. Chuala mi grunnan de
Fhrangaich a' bruidhinn an la roimhe, agus cha 'n eil mo
chlaistneachd gu ro-mhath fhathast.
A c h ' s fhearr dhomh beagan naigheachd-an a thoirt dhuibh.
Chaidh mathan a ghlacadh le sealgairean o chionn dha no tri
sheachdainean air ais; thomhais e ceithir cheud punnd. Rinn an trap
greim air a dha spoig, agus chum i greim air gus an d thainig na
daoine 's 'n do chuir iad fras luaidhe ann. Cha teid am beothach
bochd an coir na trap ud tuilleadh.
Bha dithis Eirionnaeh, nach fhaca carbad-iaruinn riamh, uair ann
an duthaich anns an robh na carbaid a' ruith na h-uile latha. Aon
oidhche's iad a coiseachd thainig iad dh' ionnsuidb an rathaid,
agus lean iad e. Mu mheadhon-oidhehe, 's iad air fas sgith la 'n
turus, laidh iad sios—fear air gach taobh dhe 'n rathad—'s ehaidil
iad, Cha robh iad ro-fhada 'nan eadal 'nuair a thainig an.
(Air a leantuinn air taobh 156,)
-
154=
SGEULACHDAN ARABIANACH.
VI.—EACHDRAIDH NAN TRI CHALADAIREAN AGUS NAN COIG
MNATHAN-UAISLE.
CAIB. X X .
An ceann uine na dheigh sin thuirt ino dhithis pheathraichean
rium gu'n robh iad a' faicinn gu'n robh e Cuilleadh is trom ormsa
bhith 'g an cuinaii suns le cheile, agus air an aobhar sin, gu'n
robh iad a smaointean gu'm b' fheaar dhaibh posadh a rithist.
Thuirt mi riutha, ma 's ann air eagal gu'm biodh e trom orrasa an
cumaii suas a bha iad a' smaointeau posadh, nach ruigeadh iad a
leas a bhhith smaointean air a leithid, agus gu'm b' e am beatha
fuireach comhladh rium ; oir bha de shaoibhreas again na chumadh
snas siun 'nar triuir cho comhfhurtail 's a dh' fhoghnadh dhuinh a
reir ar suidheachddh "Ach," ar*a mise, "tha o,mhrus laidir agam
gu'm bheil nor thoil agaibh p6sadh a rithist; agus ma tha, gu
dearbh tha e 'cur ioghnadh mor orm. An deigh an droch cheartas a
fhuair sibh fhad's a bha sibh posda, am bheil e comas-ach gu'm
bheil de mhisnich agaibh na phosas an dara uair 1, Tha fhios agaibh
gur ainn-earoh a gheibhear fear-posda a tha na fhior dheadh dhuine,
Gabhaibh mo chomhairle, agus fanaibh comhla rium fhein."
Ach a dh' aindeoin gach impidh a bha mi cur orra cha sugadh iad
geill dhomh. Chuir iad I'Qmpa 'muigh's a mach gu'm posadh iad, agus
an uine gun bhith fada rinn iad e.
Mu'n d' thainig ceann na bliadhna an deis dhaibh posadh, thainig
iad a rithist, agus dh' iarr iad mile mathanas orm a chionn nach do
ghabh iad mo chomhairle, "Is tu ar piuthar a's oige," ars' iadsan,
"agus tha thu moran na 's glice na sinne; ach ma ghabhas tu steach
sinn aon uair eile, eadhon mar shearbhantan, tha sinn a' gealltain
nach dean sinn olc qrt gu brath tuilleadh." Thuirt mi, "Mo
pheathraichean gaolach, cha d' thainig atharrachadh sam bith air m'
inntinn-sa dha 'r taobh o'n a dhealaich sinn ri 'cheile mu
dheireadh; thigibh air ais, agus gabhaibh bhur cuid dhe gach ni a
bhuineas dhomhsa." An uair a thuirt mi so rug mi orra 'nam
ghairdeanan agus phog mi iad. Agus bha sinn na dheigh sin a
fuireach comhladh mar a bha sinn roimhe.
An uair a bha sinn mar so fad bliadhna comhladh, agus sinn cho
ciuin's cho caoimh-neil ri 'cheile's a b' urrainn peathraiehean a
bhith; agus an uair a chunnaic mi gu'n robh mo storas, le beannachd
Dhe, air fas gu math mor, chuir mi romham gu'n gabh-ainn
turus-cuain do na h-Innsibh a chum malairt a dheanamh. Chaidh mi
fhein 's mo dhithis pheathraichean gu ruige Balsora, agus
cheannaich mi long, sgus an uair a luchdaich mi i leis a' bhathar a
thug mi a Bagdad, sheol sinn. Bha soirbheas gle fhabharrach againn
fad fichead latha. An ceann na h-uine sin thog sinn fearann. B' e
beinn anabaraach ard a bh' ann, agus chunnaic sinn gu 'n robh
baile-mer ris a
chladach aig bonn na beinne. O'n a thach-air gu 'n robh smuid
mhath air a' ghaoith cha robh sinn fada 'ruighinn na h-acarsaid.
Cho luath's a dh' acraich sinn chaidh mi gu tir gun fhuireach ri m'
pheathraichean. Ghabh mi direach gu geata 'bhaile, agus chunnaic mi
moran dhaoine mar gu'm biodh iad a' dion a bhaile. Bha cuid dhiubh
'nan seasamh agus cuid nan suidhe, agus airm aca 'nan lamhan. Bha
leithid de chruth uamh-asach air an aghaidhean's gu 'n do ghabh mi
eagal mor. Ach thug mi 'n aire nach robh iad a gluasad no
carachadh, agus ghabh mi misneach gus a dhql air m' aghart. An uair
a chaidh mi na bu ciluithe dhaibh chunnaic mi gu 'n robh iad uile
air an tionndadh gu cloich. Chaidh mi steach do 'n bhaile, agus
choisich mi troimh chaochladh shraidean, agus bha h-uile duine a
bha mi 'faicinn air a thionndadh gu cloich. Bha 'n aireamh bu mho
dhe na buithean duinte, agus far an rohh iad fosgailte bha na
daoine a bh' annta 'nan cloich. Thug mi suil os mo chionn ris na
similearan, agus cha robh ceo a' dol am mach a fear dhiubh. Thug so
orm a smaointean gu 'n rpbh muinntir a ! bhaile gu leir air an
tionudadh gu cloich.
Choisich mi air m' aghaidh troimh 'n bhaile gus an d' rainig mi
cuirt mhor cheithir-chearnach a bh' ann an teis-meadh-ain a'
bhaile, Sheall mi mu'n cuairt orm, agus chunnaic mi geata mor
briagha air a chomhdach le or, agus e fosgailte. An uair a chaidh
mi dluth dha thug mi 'n aire gu'n robh cuirteanan de shioda ro
riomhach sgaoilte an taobh a staigh de'n gheata. Mar an ceudna bha
cruisgean laiste an crochadh os cionn a' gheata. An uair a
bheachdaich mi gu math air an aitreimh mhoir so thuig mi gur e
luchairt an righ a bh' ann ; agus o'n a bha ioghnadh mor orm nach
dp thachair duine beo rium anns a bhaile, chaidh mi steach air a'
gheata, ann an dochas gu 'n tachradh neach eiginn rium ris am
bruidhninn. An uair a chaidh mi steach cha robh duine beo ri
fhaicinn. Bha 'n luchd-gleidhidh 'nan seasamh fo'n cuid armaibh;
ach bha iad uile 'nan cloich. Choisich mi gu taigh anabarrach
briagha bha fa m' chomhair, agus dh' aithnich mi gu'm b' e
taigh-cpmhnuidh na ban-righ a bh' ann. Agus an uair a chaidh mi
steach, cha rpbh duine bfiq ri 'fhaicinn anns an t-seomar Ghabh mi
air aghart o sheomar, gu seomar gus an d' rainig mi seomar a bha
anabarrach bnagha. Chunnaic mi a' bhan-righ 'na suidhe ann, agus
crun oir air a ceann, agus griogagan daoimein m' a h-amhaich, agus
a h-uile te dhiubh a cheart cho mor ri cno.
Sheas mi car uine far an robh mi, agus bheachdaich mi le
tlachd's le ioghnadh air gach ni a bh' anns an t-seomar. Cha 'n
fhaca mi riamh seomar anns an robh inns-readh a leith cho briagha
ris, Ged a thois-ichinn ri innseadh gach ni a chunnaic mi anns an
t-seomar cha b' urrainn dhpmh cainnt a chur air.
An uair a chaidh mi 'mach as an t-seomar
so, chaidh mi troimh chaochladh sheomraich-ean eile anns an robh
innsreadh anabarrach maiseach. Mu dheireadh rainig mi seomar mor,
farsuinn aims an robh cathair oir a bha gle ard, agus i air a
deanamh maiseach le iomadh seorsa de neamhnaidean agus de chlachan
luachmhor. Ghabh mi ioghnadh. mor an uair a chunnaic mi an lainnir
a bha 'tighinn o mhullach na cathrach. O'n a bha toil agam fios
fhaotaicn co as a bha 'n lainnir a' tighinn, chaidh mi suas air na
ceuman staidhreach a bba direadh thun na cathrach, agus chunnaie mi
dapimean a bha cho mor ri ugh ostrich air mullach na cathrach. Cha
robh 'n smal no 'n sgaineadh bu lugha air, agus bha 'n lainnir a
bh' as cho soilleir 's gu'n robh i an impis mo
fhradharc a thoirt nam, Bha cpinnleir oir le coinneil
cheireach
laiste, ann air gach taobh dhe 'n chathair; ach cha robh mi
'tuigsinn ciod am feum a bh' orra o nach rpbh duine beo ri fhaicinn
anns an taigh. Ach air a shon sin cha b' urrainn dhomh gun bhith
'sniaoinntean gu'n robh neach eiginn anns an taigh a chuireadh feum
orra.
O'n a bha na dorsan uile fosgailte chaidh mi troimh iomadh
seomar eile anns an robh mpran ioumhais, agus chuir gach ni a
chunnaic mi a leithid a dh' ioghnadh orm 's gun deachaidh an uine
seachad gun fhios dhomh. Mu dheireadh thainig an oidhche. Thug mi
ionnsuidh air tilleadh an taobh a thainig mi; ach cha b' urrainn
domh amas air an rathad. An uair a chunnaic mi nach rachadh agam
air faighinn am mach as an taigh, chuir mi romham gu 'n cuirinn an
pidhche seachad anns an t-seomar anns an robh na coinnlean laiste.
Chaidh nri steach ann agus leig mi mi-fhein 'nam shineadh air
langsaid. Ach ged nach robh creutair beo ri 'fhaicinn anns an
taigh, bha beagan eagail orm.
Mu mheadhain oidhche chuala mi guth duine mar gu 'm biodh e
'leughadh a Chpr-ain. Thug so toileachadh mor dhomh, agus ghrad dh'
eirich mi as an aite's an robh mi 'nam shineadh, agus thug mi leam
fear dhe na eoinnlearan a bh' anns an t-seomar, agus chaidh mi a
dh' ionnsuidh an t-seomair anns an robh mi cluinntinn a' ghutha.
Sheas mi aig an dorus, agus leig mi an coinnleir air an urlar.
Sheall mi steach air uinneig, agus thuig mi gur e seomar-aoraidh a
bh' ann. Bha da chruisgean agus da choinneil laiste ann. Bha duine
og, dreachar ann, agus e Jleughadh a' Chorain. Thug so toileachadh
mpr d,homh. Ghabh mi ioghnadh a chionn gu'm b' e an aon duine beo a
bh' anns a' bhaile, agus an sluagh eile gu leir air an tionndadh gu
cloich.
0 'n a bha 'n dorus leth-fhosgailte chaidh mi steach, agus thog
mi mo ghuth agus rinn, mi urnuigh mar so: "Moladh gu rphh dhufc a
Dhe, a thug dhuinn an turus fabbarrach, agus ma's e do thoil e
deonaich dhu,inr» do dhion agus do ghleidheadh gus an till sinn air
ar n-ais do ar duthaich fhein. Eisd rium, O Thighearna, agus their
$feu m h; freagairt."
-
IVH^C - T A L L A . 155
Thionndaidh an duine og 'aghaidh rium agus thuirt e, "Mo dheadh
bhean-uasal, tha jmi 'guidhe ort innis dhomh co thu, agus ciod a
chuir do 'n bhaile fhasail so thu ? Mu ni thu so, innsidh mise dhut
co mi-fhein, «iod a thachair dhomh, c'ar son a tha sluagh a' bhaile
air an cur anns an staid anns am bheil thu 'g an faicinn, agus c'ar
son a tha mise 'nam onar beo, slan."
Ann am beagan fhacal dh' innis mi dha •co as a thainig mi, c'ar
son a thainig mi do 'u bhaile, agus gur e fichead latha 'thug an
long air an rathad. An sin dh' iarr mi air innseadh dhonh eiod a b'
aobhar gu'n robh sluagh a' bhaile gu leir, ach e fhein 'na onar air
an tionndadh gu cloich ; ni a chuir mor-ioghnadh orm.
"Mo dheadh bhean-uasal," ars' esan, "dean foighidin car
tiotaidh." An uair a Ahuirt e so dhuin a an Coran, agus phaisg e
seachad gu curamach ann an aite tasgaidh e. Fhad's a bha e 'deanamh
so bha mi 'gabhail foeachd air, agus thug mi an aire gu'n robh e
'na dhuine ro thlachdmhor ri 'fhaicinn, agus thuit mi ann an gaol
air. Thug e orm suidhe laimh ris ; agus mu'n do thoisieh e ri
labhairt rium, cha b' urrainn mi gun a radh ris ann an guth a bha
'nochdadh gu'n robh tlachd agam dhtth, " A dhuin'-uasail
thlachd-tnhoir, do 'm bheil gradh aig m' anam, is gann a tha dh'
fhoighidin agam na dh' theitheas ri fios fhaotaiun mu thimehioll
D»n nithean iongantach a chunnaic mi o'n a bhainig ini do 'n bhaile
so; tha toil mhor agam fios fhaotainn mu 'n chuis gun dail «IUD
bith. Innis dhomh gun dail ciod e 'mhiorbhuil leis am bheil thu
fhein beo an Hair a tha gach neach eile marbh."
" A bhaintighearna," ars' esan, tha mi 'g aifchneachadh gu'm
bheil eolas agad air an aon Dia bheo agus fhior; oir chuala mi thu
5g urnuigh ris. Innsidh mi dhut uithean iongantach mu thimchioll a
mhorachd agus a. chumhachd. B' e am baile so ceanna-bhaile na
rioghachd aig m' athair. Bha m' athair agus sluagh na rioghachd gu
leir 'nan draoidhean, agus bha iad a' deanainh aoraidh do 'n teiue5
agus do Nardoun, an righ a bha thairis air na 'famhairean a rinn
ar-a-mach an aghaidh Dhe. Ged a bha m' athair's mo snhathair 'nan
luchd iodhol-aoraidh, bha mise air m' fhoghluin 'nam oige le aon
aig an robh eolas air an Dia fhior. Dh' ionns-aich mi an Coran air
mo theangaidh, agus thuig mi gach mineachadh a chaidh a sgriobhadh
air. Air an doigh so fhuair mi eolas air an aon Dia bheo agus fhior
an uair a bha mi gle og. Agus an uair a thainig mi gu aois, thuig
mi gu lan mhath nach eil Dia eile ann ach e, agus gur e gliocas
agus ,dleasclanas gach duine aoradh is umhlachd a thuirt dha.'1
(Bi leantuinn.)
'Nuair a tha caraid a p6sadh ann an lap-an, cha 'n eil aca ri
dheanamh ach cupa ti ol cuideachd agus tha 'n snaim ceangailte.
Agus tha'm p6sadh an uair sin a cheart cho ieasmhach 'sa tha e anns
an duthaich so.
A' Ghaidhlig. Tha iomadh linn 'us bliadhna 'nis o'n
thoisich daoine 'bhi 'g radh gu robh canain nan Gaidheal air
leabaidh a bais, agus gu bitheadh i ann an uine ghearr ann an tir
na di-chuimhne's na samhchaire. Tha Uilleam Mac Seathunn (Shaw), a
sgriobh a' cheud grainat Gaidhlig, ag radh anns an Roitnh-radh,
nach robh, ma dh' fhaoidte, ceithir daoine ann an Albuinn a
sgriobhadh Gaidhlig anas an aon doigh: do bhrigh gu robh gach
sgoilear 'us ministeir a' leantuinn a thoil mhath fein, agus nach
robh e 'toirt geill no umhlachd do reachd ceart no pong-ail air
bith Tha e 'g radh gu muladach, gu robh na ministeirean, ged bha
iad ealanta 's sgileil air iomadh doigh eile, caoiii-shuar-ach mu
na Ghaidhlig, agus mar so, nach robh coig ministeirean anns an
duthaich gu leir, d' am b' abhaist an searmoinean a sgriobhadh ann
an Gaidhlig no 'nan canain fein. Is e sgeula tiamhaidh " agus
fior-mhuladach, a tha aig Mac Seathunn ri innseadh, bho cheann corr
maith 'us ceud bliadhna. Thubhairt caraid nan Gaidheal, Tormoid Mac
Leoid, ann an Leabhar nan Cnoc, aims a' bhliadhna 1832: "Na
creidibh iadsan a tha 'g radh gu bheil a' Ghaidhlig air leabaidh a
bais. Tha i co slan, laidir, urail, agus a cuisle co fallain 's a
bha i riamh; agus ged thaehradh e gum biodh i air a fogradh a
h-Albuinn am maireach, tha farsuingeachd agus fasgadh a' feitheamh
oirre taobh thall do 'n chuan mhor, far am bheil cheana na miltean
d'a muirichinn fein, a dh' fhailticheadh agus a dh' altrumaich-eadh
i le solas." Tha e soilleir gu leoir gur e Canada gu sonruiehte
'bha am beachd a' Ghaidheil ghasda, dhileis, a sgriobh na briathran
ud, agus a nochd dochas co seas-mhach agus co teoma. Is maith a tha
fios aig MAC-TALLA gu d' fhuair a' Ghaidhlig aoidheachd ghrinn,
fhaoilidh, fharsuing ann an Canada, 'us gu d' eirich anns an
duthaich uir so iomadh ceatharnach a bha 's a tha fior-mheasail air
a Ghaidhlig, agus ur-labh-rach agus luath-shiubhlach ann am feum
gleusda 'dheanamh de 'n canain a bha fileanta, muirneach, 'us
aighearach ann an Seallama 'n uair a bha Fionn 'us Oisein 'us
laoich eile na Feinne beo, nieamnach, agus togarrach. Tha
Donnachadh Ban Mac-an-t-Saoir ag radh gu firinneach :
Bu mhor am beud gu 'm basaicheadh A ' chanain a's fearr
buaidh,
'S i ' s treis thoirt greis air abhachd, 'S a h-uile ait 'n teid
a luaigh.
'S i ' s fearr gu abhar-ghaire, 'S i ' s binne, blaithe
fuaim,
'S i ceol nam piob's nam clarsach, Luchd-dhan 'us dheanamh
dhuah,
Tha 'Ghaidhlig beo, lughmhor, fathast, agus tha iomadh bard 'us
sgoilear easgaidh, a' deanamh dichioll duineil, airson a feartan
'us a buaidhean a chuir ann an uidheain ni 's fearr na rinneadh
riamh roimhe. Ma tha grian na Gaidhlig a' tearnadh gu 'leabaidh
anns an iar, tha cairdean lionmhor, eud-mhor, blath-chridheach aice
a dhearbhas 1$
'n treise's le 'n durachd, nach ann do bhrigh nach robh cairdean
daimheil comasach aice, a fhuair i bas, ma gheibh i bas, agus cha
'n fhaigh i bas, re iomadh latha 's gealach fhathast. Tha gramar an
deigh giamair 'g a thaisbeanadh fein, agus a' deanainh luaidh air
na doigheah pongail ceart anns an coir do 'n Ghaidhlig a bhi air a
labhairt agus air a sgriobhadh. Tha e 'nis gle fhurasda do gach
Gaidheal eolas iomchuidh fhaotuinn air gach beus 'us boidhichead a
bhuineas d'a chanain, ann an coimeas ri canainean aos-mhor,
iongantach an t-saoghail. Chuir Donnachadh Reid, a tha 'teagasg na
Gaidhlig ann an sgoil-ard Ghlascho, gramar beag, pongail, a mach
bho cheann ghoirid. Chuir an lighiche Mai I!l-iosa—an Gaidheal
dileas smiorail, ann am baile mor Lunnainn—an ordugh gramar
Gaidhlig eile. Lean e gu dluth gramar an Ol laimh Alasdair
Stiubh-art; sgoilear co ealanta, agus Gaidheal co aillidh,
mor-chuiseach, 's a thog a Ghaidhealtachd riamh. Cha 'n eil a'
Ghaidhlig gun chairdean laghach, lamhach, sgileil, ann am baile mor
an t-saoghail. Tha Mae Ul-iosa airidh air cliu 's onoir. oir rinn e
agus tha e 'deanamb, saothrach mhaith, luachmhoir, am rneasg nan
Sasunnach, as leth canain 'us abhaisteau nan Gaidheal. Tha tlachd
aig MAC-TALLA 'bhi 'g innseadh daonnan gu bheil ar canain a'
faotuinn ineas 'us miagh a tha fior-thaitiieach ann an Lunnainn
fein.
Tha laoidhean milis, crabhach, air an seinn a nis gu durachdach,
ait, anns gach eaglais. Chaidh laoidhean agus dain spior-adail a
dheasachadh leis an urramach Gill-easbuig Mac Caluim. Is maith agus
is ro-mhaith curamach agus teoma a dh' eadar-theangaich sgoilearan
beusach, tapaidh, na laoidhean agus na dain a tha air an cur le
cheile ann an leabhar dealbhach, agus a tha 'nochdadh cia eo
oirdheirc's a tha ar canain airson moladh a thabhairt do Dhia, 's
cia co foghluimte, geur-inntinneach 'us crabhach, 's a fcha moran
de na Gaidheil. Carson nach seinneadh na Gaidheil na laoidhean 'us
na dain so anns an eideadh ghrinn, Ghaidheal-ach a tha iad a nis a
giulan, ann an aoradh an Tighearna far am bheil na Gaidheil cruinn
agus Gaidhlig air a searmonachadh ?
Ann an Albuinn, a bhos us thai], an sud agus an so, tha comunn
ag eiridh gu trie, agus tha buill a chomuinn a deanamh, mar a rinn
nioran diu cheana, dichioll 'us oidh-eirp onorach, arm a bhi
'trusadh agus a' cur ann an eideadh taitneach, duain 'us orain nam
bard a bhuineadh do 'n choimhears-nachd aca fein anns na laithean a
bha 's a dh' aom. Ni mi iomradh, ma dh' fhaoidte, ann am MAC-TALLA
fathast, air na gniomh-aran caoiinhneil a tha iomadh comunn a'
deanamh. Mur bitheadh aig a' Ghaidhlig neart 'us beatha's
aghartachd nach eil aon chuid gann no fapin, cha bhitheadh feachd
gaisgeil, dichiollach, de chairdean glic, curanta, aice am msasg a
cloinne fein. Thugadh gacb Gaidheal ann an Canada aoidheachd agus
cuideachadh fiughanta, toil-each, agus saoibbir do MHAC-TALLA.
CQNA,
-
3 5 6 M_^C - T A L L A
MAC-TALLA. A PHRIS.
Bliadhna, Sia miosan, Tri miosan.
$1.00 .50 .25
'Tha 'phris ri bhi air a paigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear yu luchd-gabhail am Breatninn, an New
Zealand's an duthchan-man eile air son $1,52, neo 6s. 3d. 'sa
•bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh i&ailig g' ar '«
ionnsidh an aire nach sgriobh ad ach air aort taobh d' aw dnileig,
agus nach bi an sgriobhadh t,uilleadh us meanbh.
B%edh gach litir us eile air a seoladh gu,
J. G. MacKINNON, Publisher 'Mae-Talla,'
Sydney, Cape Breton
SIDNI. 12 NOBHBMBER, 1897.
(Air a leantuinn o thaobh 153.) t-each-iaruinn, agus dhuisg am
fuaim fear de na h-Eirionnaich. A leithid sid cha chual' ,e riamh;
fuaim chuidhlichean, an fhideag a' seideadb, an smuid 's na
sradagan; cha robh fhios aige gu de bu chiall daibh, agus chuir an
t-eagal 'na leithid de bhreislich e 's gu robh an t-each-iaruinn,
le riadh de char-badan na dheigh, air a dhol seachad mu 'n do
smaoinieh « air a bhrathair. An sin ruith e null far an robh e, ag
eigheach, "Duisg! Duisg!" "Ge de tha cearr a PhadruigT arsa
bhrathair. " 'S iomadh rud sin," ar3a Padruig; "tha iad a' cur an
droch-aite air imrich, agus tha cheud 16d dheth direach air a dhol
seachad." Sin an obair a thatar a deanamh aig Acarsaid Mhargaree an
drasda; thatar a cur na droch obair air imrieh agus chaidh a eheud
16d a char Hogamah Di-ciaduin s'a chaidh— da f hear-creie deoch
laidir. 'S iad ministear agus eagart na h-Acarsaid a chuir mu
dheobhainn a' ghnothuich, agus rinn iad gu math e. Chaidh cain oeud
dolair a phaigh-eadh leis sa eiontaieh, ach cha toir sin idir air
ais beabha mac na bantraiche bochda a rinn an stuth a bha iad a'
creic a bhathadh ann an Atahuinn Mhargaree toiseach an fhoghair. A
N CUAIRTEAR.
(Bi leanlumn.) • •» -m? •
LUINNEAGAN LUAINEACH.—Fhuair sinn an leabhar so a Lunnainn o
chionn ghoirid .'Se's ughdar dha an Lighiehe Iain Mac Griogar a bh*
'na Iar-Ch6irueal anns an arm Bhreatunm&ch, agus a tha 'n deigh
cuairt a ,chur air roinn mhor de'n t-saoghal. A ' siu bhal ann an
tiribh eein, thoisich an Leodh asach gasda ri bardachd air son
canain a dbuthcha a chumail 'na chuiuahne, agus rinn e aireamh
nahath bran. Tha an leabhar gle thlachdsataor, agus bheirfiinn
cunntas na's miona na so air fhathast. Gheibhear aon de na h-orain
a fch' ann gar taobh eile dhe'n jpbaipe&r po.
Chaidh inort graineil a dheanamh a»n an Rawdon, an Cuibeic,
Dior-daoin air an t-seachdain s'a chaidh. Bha triuir pheathraichean
agus bratbair air am mort gu bruideil le 'w brathair bu shine,
Tomas Nulty. Bha am parantan air falbh o'n tigh aig an am, agus tha
e coltacb gu 'n deach-aidh Tom agus an te bu shine dhe
pheathraichean bhar a cbeile, agus ga 'n do mharbh e le tuaigh i
anns an t-sabhal. Chaidh an darra te a chuideachadh a peathar agus
mharbh e ise cuideachd, 's an sin chaidh e do 'n tigh's chuir e
crioch air a phiuthar a b' oige's air a bhrathair, a bha feuchainn
ri iad-fhein fhalach air. Dh' aidich e a chionta do 'n mhaor an
deigh a ghlacadb. Bha an teaghlach, uile a reir sge6il, de ghne
shuarach, bhruideil, agus gun a bhi moran na b' fhearr na na
beoth-aichean. Cha do chuir an gniomh . oillteil gruaman mor sam
bith air na parantan. Bha na h-igheanan a chaidh a mhort 18, 16,
agus 14 bliadhna dh' aois, agus an gille 9 bliadhna. Tha am mortair
bliadhn' air fhichead.
Ann an Orangedale, feasgar Di mairt s'a chaidh, an deigh tinncas
fada, chaochail Alasdair D. Mac Neill, air an robh moran d'ar
leughadairean gle e61ach agus air an robh mor mheas aig na h-uile
d'am b'aithne e. Bha e 'na dheagh sgoilear, agus bha e dol d'an
cholaiste ann an Kingston air son na ministeirealachd 'nuair a
th6isich a thinneas. Bha e na dheagh bhard, agus dh' fhag e moran
bardachd sgriobh te a tha sinn an d6'chas a bhios an uine ghoirid
air a chur an cl6. Mu thoiseach na bliadhna so chuir-eadh a mach
leabhran beag de chuid bardachd a choisinn deagh ainm dha. Dh'
fhuiling e moran tinneis o ehionn c6rr us bliadhna air ais, ach tha
e nis anns an Dachaidh Bhuan air son an robh e ullaichte, agus far
nach cuir tinneas no cradh dragh air na's m6. Chaidh a thoirt air
falbh ann laithean 6ige; cha robh e ach eadar seachd us ochd
bliadbna fichead a dh' aois.
Chaidh tigh le fear Tulloch, faisg air Cole Harbor, mu dha mhile
mach & Dartmouth, N. S., 'na tbeine oidhche Di-satharna s'a
chaidh. Bha sianar anns an tigh aig an am, agus iad uile 'nan
cadal. Dhuisg bean an taighe 'nuair a bha 'n teine air faotainn air
adhart gu math, agus thu^ i rabhadh do chach. Fhuair ceathrar
dhiubh a mach, ach bha Maria Walker, piuthar do bhean an taighe,
agus paisde beag, aois thri mios-an, air an losgadh gu bas.
Ghoirticheadh Tulloch agus a bhean gu dona; cha bhi Tulloch fhein
air cbothrom gluasaid gu ceann aireamh mhiosan.
MaeCoinnieh & Co.
Tha Uilleam Buchanan, mac do'n t-Siorram Buchanan, am measg a
sheann chairdean anns a' bhaile so o chionn mios. Tha e fhein 'sa
theaghlach, a bha so a chuid bu mho dhe'n t-samhradh, an duil falbh
Di-mairt s'a tigh'nn. Tha Mr. Buchanan ag obair an oifis
clo-bhualaidh an Free Press ann am baile Winnipeg o chionn choig
bliadhn' deug. Tha a bhrathair Ruairidh ag obair anns an oifis
cheudna o chionn naodb bliadhn' deug.
Jg^Tha sinn an deigh stor ur taillearr achd fhosgladh
ANN AN LOUISBURG, agus tha sinn aig an am cheudna a' eumail air
adhart air an fc-seann laraich,
ANN AN SIDNI.
Aodaiehean Matha dhe gaen seorsa, Gearradair air
ur-ionnsaehadh
ann an Sgoil g-heapraidh Mhitchell, an New
York.
ft-t&'Theid sinn an urras air an obair. Mac Coinnich &
Co.
Tha sin a gleidheadh so do
C. P. MOORE,
SIDNI, C. B.
G. H. HARRINGTON & GO. Soithichean Dinnearach, Soithich-
ean Ti, Soithichean Seomar, Soithichean Creadha dhe g'teh
seorsa, SAOR.
Caiseart dhe gach seorsa, Brogan Botainnean, Rubbers, &c,
&e lad uile math 's na prisean ceart.
Amhlan, Flur, Min, Ti, Siuca~ Siabunn, Molasses, Olla, Mart
fheoil, Muc-fheoil, Sgadan. A seorsa's fhearr.
Fiodh, Buird, Laths, Clachan creadha, Aol, agus iomadh ni eile
air am bi feum an am togail thaighean.
C . H. Harrington & C o Sidni, C. B.
H. D. MAC ILLE-MHAOIL, N Y A N Z A , C. B.
TH A e creie C L O T H , D R O G A l D , agus P L A I D -E A C H
A N " E U R E K A " air a cheart phris air am beilear'g an creic
aig na muillin.
Tha Factoridh Eureka air aon de'n fheadhain a's fhearr an
Canada. Cboisinn na Plajdeachan a thatar a' deanamh innte D U A I 8
A 1 R G E I D aig Exhabition Chanada da Hair.
Chreic e an uiridh fiaeh eheithir eherad deug dolair ($1400.00)
dhe n* h-aodaichean so an eoinn-eamh Cloimhe, agus tha duil aige
barrachd air 1 sin a ehreie am bliadhna.
Tha hichd-gnothiiich (agents) aige mar a leanas; —Ann an
Siorrachd: Inbhirnis, Niall Mac Ille-mhaoil, aig Loch Ainslie,
lagusD.D.MaeFbionghain, Taillear,) an Orangedaler a* Siorraehd
Oheap Breatann, Tearlach E . Clark, aig Cross Roads Leitche's
Creek. Tha mu dheichair fhicbead samp-ull aodaich aca, agus tfaeid
aca air seorsa sam bith a thoirt dhuit ochd latha 'n devgh achloimH
chur air falbh. A m bhsil iad math? "Tf | IG A G * §
-
ZMZ.A.C - T A L L A ±57
NAIDHEACH3DAN.
Tha ceithir siorraehdan ann an Cuibeio a tha gun fhear-parlamaid
aig an am ,so. Tha taghadh gu bhi aca am maireach.
Chaidh oain a chur air fear Johnston, ann an New Brunswick air
an t-seachdain so air son mart moose a mharbhadh. Tha aige ri ceud
dolair a phaigheadh, air neo tri miosan a chur seachad anns
-a' phriosan. «.
Tha e car iongantaeh gu bheil na tuathanaich ann an Eilean a'
Phrionnsa a' fhaotainn 28c am buiseal air a bhuntata, agus gu robh
soitheach ann an Sidni air an t-seachdain s'a chaidh 'ga chreic air
25c am buiseal. Ach tha e fior gu leor.
Tha uisge mor air tuiteam o chionn deich no dusan latha. Roimhe
sin bha tiormachd mhor ann, agus bha an talamh gle fheumach air an
uisge. Tha an t-side f uireach gle bhriagha; cha'n eil fior mhoran
de choltas a gheamhraidh oirre fhathast.
Tha 'n talla iir a t hatar a togail do Chomunn nan Daoin' Oga ri
bhi air a fosgladh Di-luain s'a tighinn. Tha.e 'na thogalaeh
briagha a tha cur maise air a' chuid sin de n bhaile anns a bheil
e. 'S fhiach e 'nuair bhios e ullamh mu shia mile •dolair.
Chaidh soitheauh-se&laidh a ghlaeadh air Amliuinr. St.
Lawrence air an t-seachdain s'a chaidh air an robh fiach ceithir
mile dolair de stuth laidir a bh' air a smugladh.
Chuir meinneadairean na Meinne Tuatha ceithir cheud's seachd
dolair dheug air fhichead (§437) cruinn air son euideachadh le
muinntir Windsor. Tha sin na's fliearr na rinn nieinn sam bith
eile, ged a rinn each uile an cuid fhein gu math.
Cha d' fhuaireadh sgeul fhathast air Mr, Anslow a chaidh air
chall ann an Newcastle, N. B., o chionn dha no tri sheachdainean
air ais. Tha e doirbti a ehreidsinn gu bheil e bed, aeh tha cuid de
chairdean nach d'thug suas an duil fhathast.
Di-mairt s'a tighinn bidh an t-Urr. M . A. Mac-a-Pheaisain,
sagart a Bhras d' Oir Bhig, air a bhi anns a' pharaiste sin coig
bliadhna fichead. Tha muinntir a' pharaiste agua a chairdean eile a
tha lionmhor a' dol a chumail an latha air doigh a nochdas do 'n
uasal urramach an deagh dhiirachd dha.
LEABHRAIGHEAN GAILIG. Clarmch an Doire, le Niall MacLeoid, $1.00
'Na Baird Ghaidhealack, bho 1775 gu
J8@o, Leis an Urr, A Mac G. Sinclair .35
Oram Iain Luim ........ 35 Gramar Gailiy, le Dr. H. C. Mac
'Illiosa 1.10 Gaelie Class Booh 35
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air
son na pris ainmichte. Sgriobta gu
J . G. MACKINNON, Publisher "Mac-Talla,"
Sydney, C. B.
Thatar a'meas gufn ddirt mu dha cheud mile sluaigh do'n
Chlondaic toiseach an earraich. Ma tha sin fior, faodaidh an c6rr
de'n cbinne-dhaonna fuireach aig an taighean. Cho math 's gu bbeil
an Clondaic, bheir da eheud mile duine an droch ruith air.
Tha .caraid an Eilean a' Phrionnsa ag innse gu robh an t-side
anabarrach briagha ann an sin air a inhios October, eho briagha's
nach eil cuimiin' aig lia daoine's sine tha 'san diithaich air a
leithid fhaicinn. Bha am buntata car gann am bliadhna, ach thatar
a' faotainn pris mhath air, 28c am buiseal, pris a tha fad air
thoiseach air pris na bliadhna 'n uiridh. Tha e 'g radh cuideachd
gu bheil sgadan beag, :reamhar, gle phailt aim an cuid de na
h-aibhnichean, agus gu bheil na h-iasgairean gu trang 'g an glacadh
air son a gheamhraidh.
Chaidh an stor anns an robh Tearlach Mac Le&id ri ceannachd
aim an Glace Bay, 'aa teine oidhche Di-haoine air an t-seachdain
s'a chaidh. Chaidh an teine chasg ach bha e 'n deigh call nach bu
bheag a dheanainh. Chaill Mr. Mac Leoid 'na leabhraichean, agus
nithean eile a chuireas a bhi 'g an dith call mor air.
Tha eaglais.St. Andrew's a nise uallamh, agus tha i ri bhi air a
fosgladh la na Sabaid s'a tighinn. Searmonaichidh an t-Urr Mr. T.
Jack, a Sidni Tuath innte 'sa mbaduinn ann am Beurla, agus an
t-Urr. Mr. .Forbes ann an Gailig; cha 'n eil fhios fhathast co
bhios air ceann na seirbheis's an oidh-•che. Bi'dh an t-Urr. Mr.
Gale a' searmonachadli innte oidhche Di-luain, aig leth-uair an
deigh seachd. Tha an eaglais, o'n chaidh a meudachadh, ag amharc
gle mhath. Bha an obair air a sar dheanamh, .agus bidh
comhfhurtachd aig a choith-ional innte nach robh aca roimhe.
Thainig tuathanach ann an New Brunswick dhaohaidh an oidhche
roimhe 'san daorach air. Fhuair e sgian agus mharbh e muc mhor
bhriagha bh'aige, 's an sin ghearr e sgornain an eich 'sa choin.
Bha an t-eaeh anabarrach measail aige. Anns a' mhaduinn 'nuair a
chunnaic e an obair a rinn e, thug e mhionnan gu'n sguireadh e dhe
'n 61 gu buileach.
Tha Iain D. Rockfeller, duine beairteach, fial uidh, a th' ami
an New York, a tairgse coig mile deug dolair do Oil-thigh Acadia,
ann a' Wolfville, N. S., air chumhnant gu'n cuir cairdean an
Oil-thigh iad fbein cruinn tri fichead mile dolair romh thoiseach
Nobhember 1898. Tha Mr. Rockfeller 'na dhuine a tha deanamh feum
mor leis an t-saoibhreas a tha fo 'laimh.
Bha cruinneaehadh aig digridh Orangedale agus •taobh deas
Amhuinn Dhennis ann an tigh-sgoile Amhuinn Dhennis air oidhche
Di-luain, a eheud 3atha de 'n mhios so. Bha orain, eeol agus
leugh-aidhean aca, agus chuireadh am feasgar seachad g u toilichte.
Bha na h-6rain 's na leughaidhean ann an Gailig 's am Beurla, agus
bha iadsan a thainig 'g an ^isdeachd gle riaraiohte leotha. Bha
ceol fidhle air a .thoirt seachad le Padruig Mac Gill-fhaollam, a
Orangedale Aig a' eho-dhunadh labhair an t-Urr. Iain R6s, ministear
a pharaiste, agusDomhnull Domhnullaeh, a Beinn a Mharnioir, a bha
'sa chathair. Chuireadh suim mhath airgeid cruinn, agus chaidh a
thoirt mar ghibht do Niall Domhnullach, a tha dhith a ifhradhairc o
chionn aireamh mhor bhliadhnaichean. Chuala leughad--airean M H I C
- T A L L A bho Niall Domhnullach roimhe
so, agus tha dochas againn gu 'n eluinn iad uaithe fhathast. 'S
math an doigh a ghabh iad air an t-Samhuinn a chuuiail, agus tha
sinn' gle thoilichte
pu ' » 4' .thug iad a h-urram fbein do 'n Ghaijig,
'Se duine ainneamh a dhiultas airgead n© beair teas 'nuair a
bhios e 'na thairgse, ach tha fear dhe 'n t-se6rsa sin an drasda
ann an New York Thainig dileab is fhiach deich mile fiohead dolair
air, ach ged nach eil de theachd-an-tir aige aeh na ni e air an
obair-latha, tha e 'eur roimhe nach gabh e gnothuch ris. Tha e
riaraichte gu leor leis an t suidheachadh anns am bheil e.
Iadsan a Phaigh. An t-Urr. I. C. Mac Ille-mhaoil, D . D . ,
Cardigan
E. P. I. Calum Mac Gill-fhaollain, St. Georges, E. P. I.
Domhnull Mac Gill-fhaollain, " . " Aonghas Mac Gill-fhaollain, " M.
D. Domhnullach, " " Donnachadh Mae Coinnicli Amhuinn Mhitchell
E, P. I . Uisdean A. Mae Ille-mhaoil, South Finch, Ont. Aonghas
Mac Fhionghain, Skye P. O. Bean Eachuinn Dhughlaich, Exeter, N. H .
Raonailt Dhomhnullaoh, " " Iain N. Peutan. Cleelum, Wash . Domhnull
Mac Coinnich, Glaschu, Alba. Eachunn Mac Gilleain, Bridgetown, N.
S. Micheil L. Mac Fhionghain, Lakevale, C. B. Micheil I. Mae
Ille-mhaoil, eul Cobh a Bheabheir, Dombnull M . Mac Neill, Eilean
Christmas, f 1.50 Tormad D. Mae Neill, Benaeadie. Domhnull
Martuimn, Orangedale, 35c loseph S. Mac-a-Phi, P6n Mor. M , R . Mac
Aonghais, Amaguadus Pond. Iain Mac Gill-fhinnein, Port Morieu.
J. E. EISAN.
Pianos agus Orgain.
An seorsa 's fhearr a thatar a creic.
PRISEAN GLE REUSANTA.
C. IB.
BADDECK, C. B. Aipson a stop a dheanamh na's deiseile's na's
feum-aile dhaibhsan a tha 'deanamh gnothuch pis, tha
Albert I. Hart a' nise deiseil air son taill-earaehd bhan a
dheanamh. Tha a' chuid sin de 'n ghnothueh fo ehupam Miss Isabel
Nie Theaplaieh, a fhuaip a h - ionnsachadh am Boston 'san New York.
Gheibh iadsan a thig g>'a h-ionnsuidh an
DEAGH RIARACHADH.
BADDEGK, G. B.
BATHAR UR. Mopan de Chupaicean Geamh-
paidh, eadap lOe. us $5.00. Bpogan matha saop. Ti mhath map a b'
abhaist. Beagan de Cheannachd Thio-̂
para. plla 25e. an galan; 5 g-alain
aip$1.00.
NIALL DOMHNULLACH, BADDECK, €. B,
-
158
An Mod Gaedhealaeh.
(Irisleabhar na Gaedhilge.) An cuigeadh la deug de mhi
Mheadh6in
an Fhoglmihair tiondladh an seiseadh M6d i n-Inbhear Nis. B'e
sin an cheud uair thainig luchd cosanta na Gaedhilge i nEirinn agus
i nAlbain d'aon lathair os comb air na coitcheanntachta. Do chuir
Connradh na Gaedhilge Padraig Mac Cathmhaoil, an leabhroir, agus
Eoin Mac Neill, fear eagair an Irisleabhair seo, ar an
teachdaireachd so go hAlbain. Do fiuireaclh fos ann E. E. Fournier
mar theach-daire 6 'n bhFeis Ceoil. Do cuireadh 6 n-a Breatnachaibh
a in bard fein, J. T. H. Thomas.
Tosnigheadh obair an Mh6d 'san Halla Ceoil ar a deich a chlog ar
maidin. Is e ba cheannphort do'u choimhthiouol Tear-lach
Mac-an-T6isich, LL. D., ard-uacbdaran an chumainn Ghaedhealaigh.
Tar a eis do an 6raid tionnsganta do thabhairt, do ghlaoidh se ar
na teachdairibh. Do leigh-eadar so na dileagartha thugadar leo,
agus rinne gach fear beagan cainte uaidh fein. Gaedhilg do bhi ins
an da dhileagra 6 Eirinn, mar ba dhual. Ni'l dileagra na Feise
Ceoil ar laimh againn. Da mbiodh do chuirfimis i gclo go
toileamhail e. Is e seo dileagra Connartha na Gaedhilge mar leanas
:—
D I L E A G R A
D O LUCHD RlAETHA A N M H O I D G H A E D H -EALAIGH O LUCHD
RIARTHA CONNARTHA NA GAEDHILGE AGUS AN OIREACHDAIS I N-EIRINN,
M » ta dha chineadh ar dhruim an dom-hain d'ar coir cairdeas
agus ceangal dluth bheith eatorra, is iad Gaedhil na h-Eireann agus
Gaedhil na hAlban.
Da n-abradh neach an meud sin sa' triomhadh peud bliadhna roimhe
seo, chuir-feadh an radh iongantas mor air na daoinibh go leir.
Pudh chuma e, dar leo, no a radh gur choir do chloinn an aon
mhathar bheith ceanamhail ar a cheile.
Ni he sin e amhain, acht is coir dhuinn aon run agus aon intinn
auihain do bheith asainn leith ar leith i dtaobh na neithe
o
bhaineas leis an da chraoibh mhora so de "Chineadh Spuit" go
coitcheann.
O 'n cheud la cuireadh rioghachd na hAlban ar bun, anuas go dti
dha cheud bliadhan o shoin, ni raibh cineadh sa' domhan chomh teann
meanmnach ard-aig-eanta muinighneach asta fein leis an scineadh
Ghaedhealach. D'a chomhartha sin fein, ni raibh aon chineadh is mo
chuir speis agus suim ina dteangaidh na ina litridheachd na iad. Ni
raibh 'san Eoraip teanga na litridheachd fuair oiread de churam
agus de chothughadh agus de ehaon-duthrachd o n-a haos dana fein le
teangaidh agus litridheachd na nGaedheal ar feadh na haimsire
sin.
Acht is corrach an nidh an saoghal so. Thionntuigh an roth, agus
na daoine agus an teanga bhi le ceudtaibh bliadhan fa
airdcheim agus fa an6ir, thuiteadar anuas go faon, agus fagadh
le haimsir fhada fa small agus fa dhearmad iad.
Ta an roth ag gabhail timcheall aris. "Thainig anam i nEirinn."
Ta an smaoin-eadh so ag dul i meud agus i dtreise ag muintir na
hEireann o lo go lo, gur m6r an naire dhoibh, mur dtugaidh siad gan
mhoill fa n-a gclu fein, a n-ainm, a dteanga, a litridheachd, a
gceol, agus gach nid eile bhi fa mheas ag a sinsearaibh, do
chosaint agus dcchoimhead ar bhas agus ar bhaoghal go deo.
'Sa teangaidh dhuthohais is eadh mhaireas anam an chinidh. Ma
cailltear an teanga, cailltear an t-anam.
Buidheachas mor le Dia, ta an teanga Ghaedhealach chouih beo
brioghmhar againn i nEirinn as bhi si riamh. Threig a lan i, acht
nior treigeadh ar fad i, agus an mhuintir lean di, leanadar f6s d'a
bhrigh agus d'a bias.
An run agus an intinn seo ata againn i nEirinn, ni '1 amhras
againn nach bhfuil siad agaibhse i nAlbain chomh maith ceudna.
Tuigimid an meud sin leis an gcuireadh chairdeamhail seo fuaramar
uaibh.
Beirimid beannachd chugaibh o Eirinn, an bheannachd Ghaedhealach
sin is binne agus is dilse agus is cumhachdaighe de bheannachdaibh
an domhain. Go mbuadh-aidh Dia libh !
Tabhartha fa n-ar laimh-ne ar son Connartha na Gaedhilge.
Eoin MacNeill, fear eagair Irisleabhair na Gaedhilge.
Padraic MacCathmhaoil. An 14adh la de Mheadhon Fhoghmhair,
1897. Tosuigheadh annsin ag tabhairt breith-
eamhnais ins na com6rtasaibh. Bhi tri cineil diobh ann, ceol,
leughthoireachd, agus litridheachd. Ni'l de shlighe againn annso
leir-chunntas do chur sios ar na comortasaibh. Ni chualamar agus ni
fhacamar dadamh de'n litridheachd, acht thaitin na ceoita agus na
leigheachda go mor linn. Nuair bhi an Ghaedhilg Alban-ach d'a
leughadh, thugamar fa deara go raibh eidir-dhealughadh mor idir i
agus ar gcanambaint fein ; acht nuair cuireath guth lei sa' cheol,
nior shamhluigh si bheith chomh neamh-chosmhail le Gaedhilg na
hEireann.
Cuireadh stad air an obair, ar feadh dha uair sa mleadhon lae.
Thug uachdaran an Mh6id cuireadh d'a raibh i lathair, idir
breitheamhain, luchd comortais, luehd riartha an Mhbid, teachdairi,
agus sluagh mor nach iad, fa theachd 'na, dhail fein go Loch
Airdill, ata tuairim agus mile o'n mbaile mor, an ait i n-ar
fearadh failte agus feile go fairsing flaitheamhail rompa. Bhi uain
againn annsin ar bheith ag caint le cheile. Chuir se iongnadh mor
orainn an meud eolais do bhi ag cuid aca ar Ghaedhilg na bEireann
agus ar cheoj na hEireann. Is
ionadha fear ann do bhi ag eeannach an Irisleabbair seo, agus
'ga leughadh gach uile mhi. Nior stadadar riamh ag cur ceasd orainn
i dtaobh na Gaedhilge, agus i dtadbh mar bhi an saoghal ag eirghe
lei i nEirinn. Bhi dha cheud no tri cheud duine againn ar fhaithche
an tighe moir. Bhi coisdi ar tuarasdal ag an rigb-fhear
Mac-an-Toisicb, 'g-ar n-iomchur o'n mbaile mor ainach agus ar ais.
Piobairi ag seiunna ceoil duinn, dream de'n aos og ag gabhail
abhran, agus "taitneamh na greine orainn, aosda is og," an fbaid do
bhiomar ag taisdeal na mbothar agus na sraid; agus an baile mor
amuigh ag feuchaint orainn.
Bhi cuirm cheoil ann am thrathnona. Bhi Tighearna Lobhait,
taoiseach Cloinne Fraiseir (ui'l a fhios againn an bhfuil na han
manna so 'na gceart againn), ag riaghlughadh na cuirme mar
uachdaran. Fear og dathamhail bhi ann, agus e gleusta sa' mbreacan,
eudach duthchais na nGaedheal Albanach, mar bhi urmh6r na ndaoine
uaisle eile do bhi i lathair. Na daoine rug buaidh in gach comortas
ceoil ar maidin, bhiodar ag gabhail an eheoil cheudna dhuinn sa'
trathnona. I gcaitheadb an lae sin ar fad nior gabhadh acht abhrain
Ghaedhilge, acht amhain duan na Bain-rioghna i ndeireadh na
dala.
Do casadh orainn i rith an lae, gan trachd ar ar ainmnigheamar
cheana, na daoine uaisle seo leanas : Ian Mac Aodha 0 Hereford i
Sasanaibh, fear fior-Ghaed-healach gan fiar gan cam ; lamh
cho-thuighthe na Gaedhilge 'n-a thir fein, agus ni hannamh thug se
congnamh do chilis na Gaedhilge i nEirinn; Eanraic Mac 'Ille-bhain,
ar a dtugthar "Fionn" mar chomh-ainm, litridhe leigheannta i
nGaedhilg na hAlban; a dhearbhrathair-sean, Ian Mae Tlle-bhain,
chomhnuidheas i nlnbhear-Nis ; an t-uasal urramach Tomas Sinton ;
Ian Mac Aodha, fear eagair an Celtic Monthly 1 nGlaschu; Ian
Mac-an-Toisich, fear dlighidh, ba runaidhe do'n Mhod; Calum Mac
Phartholain, sgribhneoir Gaedhilge; A. S. Mac Giolla-brighde;
Alasdair Mac-Bain, fear sgriobh tha an tSanasain Alban-aigh;
Alasdair Mac Coinnich, fear eagair do'n Scottish Highlander; fear
eagair an Highland News i nlnbhear-Nis; an major A . C.
MacCoinnich, o Maryburgh, etc.
Bithear 'ga mheas i nEirinn, ag corr-dhuine go hairithe, go
bhfuil aigneadh dur doicheallach ag an urmh6r de luchd leighinn na
Gaedhilge i nAlbain i dtaobh Gaedhilge na hEireaun agus i dtaobh
luchd leighinn na hEireann. Tig linn a radh nar airigheamar a bheag
na a mhor de'q aigneadh sin ag aon duine d'a ndubhramar thuas na ag
aon Albanach eile. Ta doehas laidir againn go bhfeicfimid iad go
leir 'n-ar measg i nEirinn, an cheud uair eile bhias an tOireachtas
d'a thionol againn, no uair eigin eile, muna feidir sin.
O bhi teachdaire ann o'n bhFeis Ceoil, , agus fear tiuntach
geur-chuiseach dob' e&cjbj
-
HVLA-O - T A L L A 159
e fein, ni fulair go mbeidh a fhios feasda ag luchd stiurtba na
hoibre sin nach gceadochadh na hAlbanaigh oiread agus aon abhran
amhain do ghabhail tre Bheurla, acht duan na Bainrioghna nach
bhfuil atharruighthe go Gaedhilg aca go foill is docha. Da dtugadh
muintir na Feise leath na n-abhran duinn i nGaedhilg, nior mhor
linn d6ibh an leath eile, agus duan na Bainrioghna 'na gceann, do
thabhairt do 'n dream ata gan duil sa' Ghaedhilg.
Ni maoidhte do mhuinntir na hAlbau ar a shon sin. D'airigheamar
cuid mh6r aca idir uasal agus iseal ag labhairt Gaedhilge le
'cheile, acht nior leig a leisge d'aon fhear aca Gaedhilg do
labhairt ar an sgalan os conihair caich. Chuir seo iongnadh nior
oramn. Is ar eigin is feidir teanga do chur fa mheas ag an
geo'tcheanntacht ar aon tslighe is fearr na a labhairt os ard os
camhair na coitcheanntachta, go mor mhor ma's iad luchd an -eudaigh
chaoil a labhras i. Tuigimid-ne an sgeul sin go maith i nEirinn
agus ni stadfamaoid choidche acht ag gearan agus ag geur-chasaoid,
chomhfhad £a's leantar ds'n nos so ag sior labhair Beurla aiahain
as comhair an phobail i n-ait ar bith i n-a bhfuil Gaedhilg ag na
daoinibh. Ma strioeaomoid fein do'n Bheurla os comhair an
tsaoghail, is fanach an obair dhuinn bheith 'ga iarraidh air na
daoinibh gan striocadh dho sa' bhaile, ar sgoil, ar aonach, no cibe
obair ar ambid. Acht ta intinn na nGaedheal d'a neattughadh 1c
tamall, agus i geeann tamaill eile le congnamh De, ni bheidh leisge
ar aon-duine fa chul do thabhairt le n-a shamhail sin de dhroch-nos
lag-mheasach, daor-chroidheach meata mi-fhearamhail.
Nior mhaith linn comortas do thogail idir Thadhg agus Domhnall,
acht ni fheud-famaoid an sgeul do sgaoileadh tharaiun gan trachd ar
bhuaidh amhain ata ag an nibuidhin thali orainn fein, .i. tuilleadh
Htridheachd bheijbh fa chlo aca de 'n chineal is oireamhnaighe mar
adhbhar leighte do n choitcheanntachd. Fuaramar tri leabhair
Ghaedhilge ata tar eis a gclobhuailte i nAlbain, agus nior
fheudamar gan a radh iinn fein gur mor a naire agus a thruaighe
dhuinn gan a samhail do bheith againn i nEirinn.
"How to read Gaelic" dob' ainm do cheann aca. Ian Mac
'Ille-bhain agus Alasdair MacBain do chuir i n-eagar 6. Da mbiodh a
leitheid do leabhran againn-ne ni bhiadh le deunamh againn acht a
chur i laimh Gaedhilgeora, agus an chuis d'fhagail faoi fein uaidh
sin amach.
"Leabhar na Ceilidh(e)" is ainm do'n dara ieabhar. Eanraic Mac
'Ille-bhain do dheasuigh 6. Sgeulta gearra grinn agus abhrain agus
danta ata ann.
"Sgeulta Arabianacha" (The Arabian Nights) an treas leabhar.
Ni'l aon cheann aca ro-mhor na ro-dhaor, agus ni'l jonnta acht
Gaedhilg na ndaoine.
Cia sgriobhfas no dheasochas d^inn roinnjs leabhar Eireannach
mar iad %
Oran na Spainntieh. Chuala mis aig m' athair gu'm b'e
Forsair
Choir-an-Shith a rian Oran na Spainntich ; 's gu'm b'e
Gilleasbig Domhnullach a b' ainm dha, agus gu'n do rugadh e mu 'n
bhliadhna 1720. Bha gunna aige an toiseach ris an canadh e Nighean
Ruairidh agus b'i a dhiult dha lasadh ri uuliche cabrach nan croo.
A reir mar thuirt e fein, bha i aige corr us ochd bliadhna deug.
Fhuair e an Spainnt-each mu'ti am a bha Diuc musach Chumber-lani a
creach nan Gaidheal, 1746.
Bheir mi dhuibh Oran na Spainntich mar a dh' ionnsaich mi bho m'
athair e o chionn corr us tri fichead bliadhna.
Gur h-i bean mo ghaoil an Spainnteach Ghleidh mo naire rium's mi
'm aonar Nuair tharlacli dhomh bhi 'nam eiginn 'S mi chuideachd ort
fein 'san aonach. Ni mise dichioll ma's aill leat Dheanamh reite
riut mar dh' fhaodas Dean-sa gniomh cho math 'sa b' abhaist S cha
'n iarr mi gu brath do chaochladh.
Theirig-sa mu 'n cul gu h-e61ach 'S na bi de6nach air am
fuadach, Sir a ghaoth is rinn an talamh 'S rach iieo-aineolach mu'u
cuairt doibh, Luidh gu h-eolach air an t-socair, Le.ig ort iad mu'n
cuir thu suas mi, Smeid a choirag's caog an t-suil rium 'S bheir mi
lughs bho fhear an nullain.
Beannachd dhuit air son do gheallaidh, Somalta mi dhe do
sheanchas, Gur a tu mo leannan falaich Amis a ghleannan 'sain bi
far-bhoc. Ghleidh mi roimhe a feachd an righ thn Nuair a thog iad
cis na h-Albainn, D' altrum bho 'n uair sin gu muirneach 'S ana an
diugh tha 'chuis ri dhearbhadh.
Gu de 'chuis a bhiodh tu 'g iarraidh Nam b' fhiach i nach
fhaodte tobhairt, 'S gur caomh-dheas leam ceir no ceann dhiu Ach
aon bhall dhiu thigh'nn mu'm chomhair, So a chreubh 'sam bheil ua
dh' floghnas Beag no mor ga 'n cuir thu romham. Cha bhi h aon dhiu
slati bho dhorninn Ged charadh tu coig dhiu eoimheart.
Chairich mi beul air an t-socair 'S cha b'e sid mo dhojgainn
aumach Thainig mac na sonn to dos-bheul S e gun fhiamh feadh
fochair garbhlach, Mar annsa leat breug no firiun Bbeirinn m'
fhapil fein nach d' fhalbh e. Nuair a las am fudar cluaise 'S gann
a ehual e fuaim na mharbh e.
Bha mi 'n sin gu h-eangach, ialach, Sgiamhach, riachach,
riabhach, fuileach, Gu h ionadail, armail, ordail, Gu stob-bhirach,
ceolar, iomairt, Gu gruamaeh, maragach, staogach. B' fhada dh'
fhairte gaoth mo theine 'S b'e chuid mhor de dh' aobhar m' iomagain
Gu'm bu phailte cuirm no gillean.
Thug mi greis an sin 'am aonar 'S mi ri smaointean air a
mhanran, Mar bha sean-fhacal ag innse Mo chleachduinnan fein 'gan
aichadh. Their iad mu bhios fear na bhantraich Nach fhaigh e
samhladh na dh' fhag e. 'S mise thuirt gu'n robh iad breugach 'S
tha mi 'n so ' s mi 'n deigh a radhinn.
Tha mi 'n so 's mj ?n deigh a radhinn,
An deigh a cheud te fhuair mi threigsinn. Shiubhail mi machair
na Galltachd Fiach a faighinn sauihla ni' cheille, Cha robh i ann
fhad's a dh' fhalbh mi An Sasunn, an Albaiun, no :n Eirinn, Gus an
d' fhuair mi as an Spainnt i— Soiraidh slan do m' athair ceile.
Gu mu slan do in' athair ceile, Ghleidh e dhomh's mi 'in eiginn
leannan Leis an siubhlinn beinn us eudan, 'S leis nach biodh mac
eilde fallain. Gu'm bu trie a tholl mi bian leat, B'e mo mhiann bhi
leat a falach 'S ma bhios tu beo leth-choig bliadhna Dh' fhaodte
nach bi fiallach falamh.
Buaidh us beannnchd pailt us buannachd Air an lainmh bho 'n d'
fhuair mi 'n
Spainnteach, Nuair a bha mi air mo bhuaireadh Duail nach
fhaighinn luach na dh' fhag mi, Cheangail mi riut snaidhm nach
fhuasgail Air a chiad Di-luain de 'n raidhe, 'S ged bu taitueach
bha Nighean Ruairidh 'S teann mu's i na fhuair mi 's taire.
ALASDAIR AN RIDGE.
A, J , G. lacEacMmii, Fear agraidh. Comhairliche
Notair, &c. Fear-ionaid ai d chuirtean Nova Scotia
Quebec a^as Newfoundland. STDNTT, - - - - C. B
Siosal & Crowe, Fir-Tagraidh, Comhairlichean Notairean
&c
SIDNI, C. B. CAILEAN SIOSAL. W . CBOWB.
~D7 A. HBARN. Fear-Tagraidh,Notair &c.&c.
SIDNI, C.B.
Indurated ^ibreware
£SLs3l Th i an seorsa so
" ; n i
£j$v^bueaidean 's na tub-
-aichean cumanta, ach 2§
:'s math is fhiach iad
2^-gJsin; tha iad na 's
iibuaine, agus mar sin
-
xeo
Am Bodaeh Boehd.
M I S AN LIGHIC11E IAIN MAO G H R I O G A I R .
'S trie mi smaointean 'am aonar Air gaoh aonach us gleann,
Anns am b'abhaist dhomh sineadh Sios fo dliidean nam beaim;
Ann an laithean faoin ro'oige, 'S mi bu ghoraich bhiodh ann,
Ge do dh'fhas mi nis aosda, 'S mi air eaoehladh naeli gaiin,
'Na m' bhodach boehd,
Thogainn fonn feadh na fritheau, " A bhiodh finealta, binn,
'S ghabhainn oran beag, gorach,, A bhiodh eeolmhor ri shemu;
Dheanainn eeilear us coinhail Ris na h-oighean bu ghrinn,
Mas do dh'fhag mi tir at' eolais Gu bhi seoladh nan tuinn,
'Na m' bhodach boehd,
Thogainn siuil ris a' bhata, Nuair a b'abhaist dhomh stritb
Ris na companaich ghradhach, Leis'm bu naire blii sgith;
'S chuirinn cop* ris an t-sroin aic'„ Dh'fhagadh broinean gun
bhrii^b,
Ged a nochd tha mi bronach, Leis cho leonta's tha mi,
'Na m' bhodach boehd.
Caite nis bheil na fiuraia A bha dumbail, deas, eruaidh,
Chuireadh ruaig agus sgiursailh Air gach dutliaieh le
buaidh?
Na fir ghreimeanta, laidir, Do 'ni bu mhalda learn gruaidh,
'S a riun m' inntinn ro chraiteicb, Le bhi 'n trath so 'g an
luaidh,
'Na m' bhodach bochd.
Tha cuid mhor de na seoid ud Anns gach cearnaidh fo'n
ghrein,
Tha cuid eile fo 'n fhoid dhiubh, 'S cuid rinu bronaeh mi
fein,
lad bhi 'n dumhlachd na doimhne, Measg nan tonn 'an tir
ehein,
'S och, gur tursach mo chuimhne, 'S mi ri caoidh nam fir
threun,
*Na m' bhodach bochd.
Faire, faire, mo mhaigbdean, A bha caoimbneil, gun ghruaim,
Thogadb solas us aoibhneas Suas air m' inntinn le d' stuaim;
'S beag a shaol mi, mo mhuirninn, Anns an uin a chaidh
bhuam,
Bhi 'na m' thruaghan erom, orubach, Nach dean sugradh no
fuaim,
'Na m' bhodach bochd.
'S trie & sheinn mi binn oran, D o ' m bu eheolmhora
fonn,
Do mo ribhinn, thar moran D o ' m bu bhoidhche learn conn;
'S ged do sheol mi cian aite, Air feadh bharcaieh nan tonn,
Oait' an d'fhuar mi riamh, caite, Oigh cho aluinn, trom
donn?
'Na in' bhodaGh bochd.
Ged tha ghrian air mo rosdadh, Agus wi'fheol air fas fann,
Togam orm gu tir m'eolais, 'S togam seol ris gaeh crann;
Gu bhi fagail nan Innsibh, Suas gu tir nan ard bheann,
Tir mo roghainn's mo shinnsear, .Gu tir riomhach nan gleann,
'Na m' bhodach bochd.
Tha mo chiamhag air liathadh,
Tha mo cheann air fas maol, Tha gach bliadhna 'g am
bhliathadh,
'S tha mo sgiamh air fas caol; Aeh gu 'm basaich gaeh
iarraidh,
'S theid gach miann bhuam fo sgaol, Chaoidh cba chaochail gu
siorruith
Mo mhor mhiann dhut's mo ghaol, 'Na m' bhodach bochd.
Dhe, a chruthaich an saoghal, Nach ro f haoin e mar cheo?
'S nach e daoine tha baoghalt, Bhi toirt gaol do na sgleo?
A theid seachad mar sgaile, 'S mar tha 'u dain do gach beo
Searg's an uir no's an doimhne, 'S cba bhi cuimhne ni's mo
Air BOD A C H BOCHD!
Cuir a dh' iarraidh MHIC-TALLA. Cha 'n eil e cosg ach dolair 'sa
bhliadhna, agus gheibh thu na tha gun ruith dhe 'n bhliadhna so a
nasguidh.
FAICEALL a mhuinntir 6ga, cha mhair na suilean boillsgeach, no
na gruaidhean dearga sin agaibh fa da ma bhios tinneas stamaig
oirbh. Ma tha sibh gdrach 's ma tha sibh a nise air ur cradh le
ciou-cnamhaidh, gairmibh g'ur cuideachadh an lighiche tapaidh sin,
K. D. C. Cniridh e ruaig air an namhaid, agus aisigidh e
lathaichean briagha, sona dhuibh. Bu eh6ir K. D. C. a bhi anns gach
tigh, oir leighsidh e gach se&rsa tinneas stamaig.
Sampuill de K.D.C.'s dena Pills a nasguidh. K. D. C. Company
Limited, New Glasgow,
N. S, & 127 State St., Boston, Mass.
Dr. Gr. T. Mac GILLB-AIN
D O T A I R F H I A C A L ,
OIFTG — Os cionn Stor Harrington,
SIDNI, 0. B.
Iosepli A, lac&illios, Q, 0., I. P. Fear-Tagraidh,
Comhair-
liche, Notair, &c.
Taghail aig Stor
MATHESON, TOMSEID & CO, agus faic na tha aca do
l a t h r de gaoh seorsa aps e ri reic gu iaor.
Math ar duthcha tha 'nar beach d
NIALL Mac FHEARGHAIS,
Taillear. SIDNI - - - C. B
.00 air 80c.
SIDNI, 0. B.
Tha tuilleadh 'sa choir de bhathar tioram againn, agus fad da
sheachdain bheir sinn seachad nach dolair de bhathar air ceithir
tasdain (80c.) a dh' air-gead. Thig mu 'm bi 'n t-am seachad
agus
FAIGKH BARG-AN.
McDonald Hawaiian & Co, Sidni, Iulaidh 16,;'97.
m m m m. I •
m I •
FLUR AGUS MIN direaeh as na muillnean,
(Ann am barailtean, leth-bharailtean agus cairteil.)
TI, SIUCAR, TOMB A.CA, etc. Am bathar a's fhearr air na prisean
a's isle an
coinneamh AIRGBID.
ALASDAIR .MA I {'IT!.NX. Sidni, C. B., Sept. 1,1897.
0
8 m wm
m m B M B m