Top Banner
bbc.co.uk/foghlam CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM BAILE MHUILINN FOGHAR BAILE MHUILINN Foghar 2004 BBC 2 ALBA Diluain 1030-1040 1 bh- 13 Sultain 2004 2 ch- 20 Sultain 2004 3 ph- 27 Sultain 2004 4 mh- 04 Dàmhair 2004 5 th- 11 Dàmhair 2004 6 sh- 01 Samhain 2004 7 dh- 08 Samhain 2004 8 dh’- 15 Samhain 2004 9 dh’fh- 22 Samhain 2004 10 gh- 29 Samhain 2004 11 -ch 06 Dùbhlachd 2004 12 -dh 13 Dùbhlachd 2004 13 -gh 13 Dùbhlachd 2004 Chaidh na notaichean tidsear a sgrìobhadh le Cairistìona Nic a’ Phì. Tha còraichean glèidhte air cuid dhen stuth a th’ anns na notaichean seo, ach tha cead ga thoirt mac-samhail a dhèanamh dhiubh airson adhbharan co-cheangailte ri foghlaim.
18

CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM BAILE …downloads.bbc.co.uk/alba/foghlam/tidseir/pdf/2004/baile...2 CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM BAILE MHUILINN FOGHAR 2004 bbc.co.uk/foghlam Fiosrachadh

Mar 02, 2020

Download

Documents

dariahiddleston
Welcome message from author
This document is posted to help you gain knowledge. Please leave a comment to let me know what you think about it! Share it to your friends and learn new things together.
Transcript
Page 1: CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM BAILE …downloads.bbc.co.uk/alba/foghlam/tidseir/pdf/2004/baile...2 CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM BAILE MHUILINN FOGHAR 2004 bbc.co.uk/foghlam Fiosrachadh

bbc.co.uk/foghlam

CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM BAILE MHUILINN FOGHAR

BAILE MHUILINN

Foghar 2004

BBC 2 ALBA Diluain 1030-1040

1 bh- 13 Sultain 2004

2 ch- 20 Sultain 2004

3 ph- 27 Sultain 2004

4 mh- 04 Dàmhair 2004

5 th- 11 Dàmhair 2004

6 sh- 01 Samhain 2004

7 dh- 08 Samhain 2004

8 dh’- 15 Samhain 2004

9 dh’fh- 22 Samhain 2004

10 gh-

29 Samhain 2004

11 -ch 06 Dùbhlachd 2004

12 -dh 13 Dùbhlachd 2004

13 -gh 13 Dùbhlachd 2004

Chaidh na notaichean tidsear a sgrìobhadh le Cairistìona Nic a’ Phì.

Tha còraichean glèidhte air cuid dhen stuth a th’ anns na notaichean seo, ach tha cead ga thoirt mac-samhail a dhèanamh dhiubh airson adhbharan co-cheangailte ri foghlaim.

Page 2: CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM BAILE …downloads.bbc.co.uk/alba/foghlam/tidseir/pdf/2004/baile...2 CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM BAILE MHUILINN FOGHAR 2004 bbc.co.uk/foghlam Fiosrachadh

2

CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM BAILE MHUILINN FOGHAR 2004

bbc.co.uk/foghlam

Fiosrachadh mun t-sreath

Tha na trì prògraman deug anns an t-sreath seo de Bhaile Mhuilinn a’ toirt sùil air an fhuaim a nì dà litir nuair a bhios iad còmhla aig toiseach no deireadh facail. Cluinnidh na sgoilearan am fuaim a nì an dà litir còmhla agus cuideachd chì iad tòrr fhaclan a tha a’ tòiseachadh no a’ crìochnachadh leis na fuaimean seo. Tha am muileann air atharrachadh on t-sreath mu dheireadh. Tha cafaidh beag agus bùth ann a-nis agus cuideachd "Oisean nan Leabhraichean" far am bi caractar ùr, Oisean, a’ toirt dhuinn rann aig deireadh gach prògram. Coinnichidh na sgoilearan ri caractar ùr, Sailidh, a tha ag obair anns a’ chafaidh còmhla ri Mairead. Ann an rùm a’ choimpiutair, chì na sgoilearan gu bheil Mairead fhathast a’ cleachdadh a’ choimpiutair airson stòraidh innse agus airson faclan a sgrìobhadh. Anns gach prògram tha cuideigin diofraichte a’ tadhal sa chafaidh agus ag èisteachd ris an stòiridh còmhla ri Mairead agus Sailidh.

Priomh amasan na sreatha

• Gus an aithnich a’ chlann am fuaim a nì dà litir còmhla aig toiseach/deireadh facail.

• Gus am bi na sgoilearan eòlach air seataichean de dh’fhacail a tha a’ tòiseachadh/a’ crìochnachadh leis an

aon dà litir.

• Gus piosan sgrìobhaidh a’ leughadh air an sgrion, ‘s a’ siubhal airson faclan a tha a’ tòiseachadh/ a’ crìochnachadh le ‘fuaim an latha an-diugh’.

• Gus an èist na sgoilearan ris na h-òrain aig deireadh gach prògram is gun cluinn iad faclan a tha

a’ tòiseachadh/a’ crìochnachadh le ‘fuaim an latha an-diugh.’ • Gus am mothaich a’ chlann gum bi dà litir còmhla aig toiseach/deireadh facail uaireannan a’ dèanamh

barrachd is aon fhuaim.

Page 3: CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM BAILE …downloads.bbc.co.uk/alba/foghlam/tidseir/pdf/2004/baile...2 CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM BAILE MHUILINN FOGHAR 2004 bbc.co.uk/foghlam Fiosrachadh

3

CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM BAILE MHUILINN FOGHAR 2004

bbc.co.uk/foghlam

5-14 ÈISTEACHD, LEUGHADH AGUS SGRÌOBHADH (Stiùireadh Naiseanta t.d. 18, 20 & 22.) ‘S ann air Èisteachd, Leughadh agus Sgrìobhadh a tha an t-sreath seo a’ cuimseachadh, gu h-àraidh air na h-iallan;

• ag obair fo bhuaidh theacsaichean • leughadh airson toileachadh • leughadh a-mach

Na Prògraman Tha cruth gach prògram anns an t-sreath seo gu math coltach ri chèile.

• Mairead ag innse mu ‘fuaim an latha an-diugh’ – an dà litir a thathar a’ cleachdadh airson an fhuaim seo a dhèanamh.

• Mairead/Sailidh a’ cuir fàilte air cuideigin a tha air tighinn a-staigh dhan chafaidh.

• A’ cleachdadh a’ choimpiutair airson stòraidh innse.

• A’ coimhead gu mionaideach air pìosan den stòraidh is iad air an sgrìobhadh air an sgrion.

• A’ dol gu "Oisean nan Leabhraichean" a dh'èisteachd ri Oisean is e a’ seinn rann.

Bhiodh e glè fheumail dhuibh fhèin nam biodh gach prògram air a chlàradh air teip. Bheireadh sin dhuibh cothrom na prògraman a chleachdadh aig àm sam bith agus anns an òrdugh a fhreagradh oirbh fhèin. An dèidh gach prògram dh’ fhaodadh na sgoilearan:

• na ceistean a thaghas an tidsear a fhreagairt le bhith a’ cleachdadh faclan a tha a’ tòiseachadh/ a’ crìochnachadh le ‘fuaim an latha an-diugh’.

*Chì na tidsearan gu bheil liosta de cheistean air an sgrìobhadh airson gach prògram. ‘S dòcha nach bi an tidsear airson a h-uile ceist fhaighneachd. Dh’fhaodadh i/e na ceistean a bhiodh freagarrach dhan chlas aice/aige fhèin a thaghadh.

• Obair ann am buidhnean is liosta de na faclan a chuala ‘s a chunnaic iad anns a’ phrògram a

sgrìobhadh.

• Faclair a dhèanamh iad fhèin le liostaichean de na faclan a tha iad air a chruinneachadh bho thoiseach na sreatha – aon duilleag airson gach fuaim.

Dh’fhaodadh faclair mar seo a bhith gu math cuideachail nuair a tha iad a’ sgrìobhadh.

• Faclan a dhèanamh iad fhèin le bhith a’ cleachdadh seòrsa de mhirean-measgte, m.e.

us

bh an ata

• Geamaichean mar ‘lotto’ agus ‘snap’ a chluich ach am fàs na sgoilearan eòlach air faclan a tha a’ tòiseachadh no a’ crìochnachadh le gach fuaim a tha iad air cluinntinn anns gach prògram.

Page 4: CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM BAILE …downloads.bbc.co.uk/alba/foghlam/tidseir/pdf/2004/baile...2 CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM BAILE MHUILINN FOGHAR 2004 bbc.co.uk/foghlam Fiosrachadh

4

CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM BAILE MHUILINN FOGHAR 2004

bbc.co.uk/foghlam

PRÒGRAM 1: ‘bh’

Mun program

Anns a’ phrògram seo, tha sinn a’ toirt sùil air an fhuaim a nì ‘b’ agus ‘h’ aig toiseach facail. Tha fear a’ bhainne a’ tighinn dhan chafaidh le dà bhotal bainne.Tha e ag èisteachd ri stòraidh mu dheidhinn, A’ bhùth bheag agus a’ bhò bhàn. Tha a’ bhò a’ dol a-steach dhan bhùth, agus tha i a’ dèanamh ùpraid gu leòr! Faclan a’ tòiseachadh le ‘bh’. Cluinnidh sinn iad seo anns a’ program: bha bheag a’ bhùth a’ bhaile bheil bhrèagha a’ bhainne a’ bhaga bhàn a’ bhrot a’ bhàs bhris a’ bhasgaid a’ bhus a-bhos bhuail a’ bhò a’ bhòrd a-bhad a’ bhan a’ bhogsa a’ bhata Dh’ fhaodadh an tidsear ceistean fhaighneachd an dèidh a’ phrògraim airson toirt air a’ chloinn faclan le ‘bh’ a chleachdadh.

• Cò a thàinig dhan chafaidh a choimhead air Mairead agus Sailidh? (Fear a’ bhainne).

• Dè bha aige dhaibh? (Dà bhotal bainne).

• Dè an deoch a bha Sailidh a’ dol a thoirt do Mhairead? ( Deoch bhainne).

• Dè an t-ainm a bha air an stòraidh? (A bhùth bheag agus a’ bhò bhàn).

• Càite an deach a’ bhò bhàn? (Chaidh i dhan bhùth).

• Dè bhris i nuair a bhuail i anns a’ bhòrd? (A’ bhàs bhrèagha).

• Nuair a ghabh a’ bhò an t-eagal, dè bhuail i anns a’ bhùth? (Bhuail i anns a’ bhasgaid agus anns a’ bhogsa).

• Bha Oisean a’ siubhal airson rudeigin anns an òran aige. De bh’ ann? (An fhuaim ‘bh’).

Page 5: CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM BAILE …downloads.bbc.co.uk/alba/foghlam/tidseir/pdf/2004/baile...2 CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM BAILE MHUILINN FOGHAR 2004 bbc.co.uk/foghlam Fiosrachadh

5

CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM BAILE MHUILINN FOGHAR 2004

bbc.co.uk/foghlam

PRÒGRAM 2: ‘ch’ Mun prògram Anns a’ phrògram seo, tha sinn a’ toirt sùil air an fhuaim a nì ‘c’ agus ‘h’ còmhla aig toiseach facail. Tha Calum, mac a’ chìobair, a’ tadhal air Mairead, Sailidh agus Oisean anns a’ chafaidh. Tha e ag innse mar a chaill e a chaoraich is iad air coiseachd a-mach as a’ chroit. Saoil an d’ fhuair e iad air ais dhan chroit? Faclan a’ tòiseachadh le ‘ch’ Cluinnidh sinn iad seo anns a’ phrògram. chan eil a’ chupa chaoraich chuideachadh chaidh a’ chafaidh chàraichean chabhaig cha a’ chladach chàirich choisich chuid a’ chaora chluinntinn chruinneachadh cho a chù chòrdadh choireach chuir a’ chàr chluich chaileagan chum a’ chairt choineanach chùlaist chunnaic a’ chat churrain choirc’ Chalum a’ chroit chuala chlaise a’ choimpiutair chofaidh chluais

Dh’ fhaodadh an tidsear ceistean fhaighneachd an dèidh a’ phrògraim airson toirt air a’ chloinn faclan le ‘ch’ a chleachdadh.

• Choisich Calum a-staigh dhan chafaidh is dh’ innis e do Mhairead dè thachair dha anns a’ mhadainn.

Dè bh’ ann? (Fhuair a chaoraich a-mach).

• Càite an robh na caoraich? (Anns a’ chroit).

• Ciamar a fhuair iad a-mach? (Choisich iad a-mach nuair a lorg iad toll anns an fheansa).

• Cò chuidich Calum na caoraich a chruinneachadh? (Chaidh Calum a chruinneachadh a chaoraich leis a’ chù).

• Dè an deoch a ghabh Calum? (Aon chupa cofaidh).

• An cuala Mairead Sailidh nuair a dh’ fhaighneachd i dhith dè chòrdadh rithe ri òl? (Chuala)

• Dè bha Oisean a’ cluinntinn? (A’ chuthag).

Nì na litrichean ‘c’ agus ‘h’ còmhla aig toiseach facail diofar fhuaimean a rèir dè na litrichean a tha a’ tighinn às an deidh. Ged a tha am prògram seo a’ coimhead air ‘ch’ mar fhuaim leathann, 's dòcha gum biodh an tidsear airson innse dhan chloinn mun fhuaim eile a nì ‘c’ agus ‘h’ còmhla aig toiseach facail. Seo liosta de dh’ fhaclan le ‘ch’ mar fhuaim caol. Ghabhadh iad seo cleachdadh airson eadar-dhealachadh a dhèanamh eadar ‘ch’ mar fhuaim leathann agus ‘ch’ mar fhuaim caol.

cheangail cheàrr chiad chiùb cheann cheart chiall chiùin cheannach cheasnaich chidhe chidsin cheannard cheathrad chinn cheap cheathramh chìr cheapaire chèic chearc cheilidh chearcall chèis cheàrnag cheist Chèitean cheithir

Page 6: CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM BAILE …downloads.bbc.co.uk/alba/foghlam/tidseir/pdf/2004/baile...2 CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM BAILE MHUILINN FOGHAR 2004 bbc.co.uk/foghlam Fiosrachadh

6

CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM BAILE MHUILINN FOGHAR 2004

bbc.co.uk/foghlam

PRÒGRAM 3: ‘ph’ Mun phrògram

Anns a’ phrògram seo, tha sinn a’ toirt sùil air an fhuaim a nì ‘p’ agus ‘h’ aig toiseach facail. Tha Peadar am poileasman a’ tighinn a-staigh dhan chafaidh agus a’ ceannach dà phìos paidh. Tha e ag èisteachd ri stòraidh mu dheidhinn Poilidh a tha air a piseag a chall. Saoil an-deach i dhan phreasa?

Faclan a’ tòiseachadh le ‘ph’ Cluinnidh sinn iad seo anns a’ program:

a’ phlumair a’ phucaid phrìs phìos a’ phìob a’ phreasa phiuthar phoileas a’ phàipear a’ phàirc’ phinc phut a’ phram a’ phlaide phaidh a’ phrais a’ phrosbaig a’ phuist a’ pheant a’ pholl Dh’ fhaodadh an tidsear ceistean fhaighneachd an dèidh a’ phrògraim airson toirt air a’ chloinn faclan le ‘ph’ a chleachdadh.

• Bha tuil anns a’ mhuileann. Cò thuige a dh’ fhòn Mairead airson cuideachadh? (Chun a’ phlumair).

• Càite an robh i a’ cumail an uisge nuair a bha i trang a’ suathadh an ùrlair? (Anns a’ phucaid).

• Dh’ innis Mairead do Pheadar gun robh rudeigin ‘s dòcha briste. Dè bh’ ann? (A’ phìob).

• Cia mheud pìos paidh a cheannaich Peadar? (Dà phìos paidh).

• Càite an do choimhead Poilidh nuair a bha i a’ siubhal airson na piseig? (Anns a’ phàirc, anns a’ phucaid)

• Ach càite an do lorg i i mu dheireadh? (Anns a’ phreasa air a’ phàipear).

Page 7: CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM BAILE …downloads.bbc.co.uk/alba/foghlam/tidseir/pdf/2004/baile...2 CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM BAILE MHUILINN FOGHAR 2004 bbc.co.uk/foghlam Fiosrachadh

7

CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM BAILE MHUILINN FOGHAR 2004

bbc.co.uk/foghlam

PRÒGRAM 4: ‘mh’ Mun phrògram Anns a’ phrògram seo, tha sinn a’ toirt sùil air an fhuaim a nì ‘m’ agus ‘h’ còmhla aig toiseach facail. Tha Màiri a’ tadhal sa chafaidh agus ag èisteachd ris an stòraidh mu dheidhinn Màiri Mhòr, Màiri Mhall agus Màiri Mhì-mhodhail. Tha iad a’ dol a-mach air cuairt agus a’ tachairt ri mathan molach. Abair gun do ghabh iad eagal!

Faclan a’ tòiseachadh le ‘mh’ Cluinnidh sinn iad seo anns a’ program: Mhairead a’ mhuir mhath Mhamaidh Mhàiri a’ mhuga Mhuilinn mhonadh a’ mhionaid mheasan mhìle a’ mhathan mhil mheur a’ mhonaidh mholach mhionaidean a’ mhullach mhòr mhill a’ mhàileid mhall mhì-mhodhail a’ mhuc-mhara Dh’ fhaodadh an tidsear ceistean fhoighneachd an dèidh a’ phrògraim airson toirt air a’ chloinn faclan le ‘mh’ a chleachdadh.

• Dh’ fhàg Sailidh litir do Mhairead ag innse far an robh i air chuairt. Càite an robh i? (Aig a’ mhuir).

• Bha Màiri ag iarraidh truinnsear de rudeigin nuair a bha i anns a’ chafaidh. Dè bh’ ann? (Truinnsear de mheasan).

• Dè an t-ainm a bh’ air an stòraidh a dh’ innis Mairead? (A’ mhil aig a’ mhathan mholach).

• Dè na h-ainmean a bha air na h-ighnean anns an stòiridh? (Mairi Mhòr, Màiri Mhall agus Màiri Mhì-mhodhail).

• Càite an deach iad air cuairt? (A-mach dhan mhonadh).

• Càite an do chuir iad am biadh a thug iad leotha? (Anns a’ mhàileid).

• Cò leis a bha an taigh a chunnaic iad? (Taigh a’ mhathain mholaich).

• Dè bha anns na cnogain a chunnaic iad ann an taigh a’ mhathain mholaich? (Bha na cnogain làn de mhil).

• Cò bha cur am meuran a-staigh do na cnogain de mhil? (Màiri Mhì-mhodhail).

Page 8: CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM BAILE …downloads.bbc.co.uk/alba/foghlam/tidseir/pdf/2004/baile...2 CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM BAILE MHUILINN FOGHAR 2004 bbc.co.uk/foghlam Fiosrachadh

8

CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM BAILE MHUILINN FOGHAR 2004

bbc.co.uk/foghlam

PRÒGRAM 5 – ‘th’ Mun phrògram Anns a’ phrògram seo tha sinn a’ toirt sùil air an fhuaim a nì na litrichean ‘t’ agus ‘h’ còmhla aig toiseach facail. Tha Tormod an Tuaisdear a’ tighinn dhan chafaidh is a’ sealltainn dhuinn an duais a bhuannaich e nuair a bha e a’ gabhail pàirt ann an co-fharpais thall thairis. Tha Mairead ag innse mar a thachair dha ann am ‘Mòr Thìr’ aig àm na stòraidh.

Faclan a’ toiseachadh le ‘th’

Cluinnidh sinn iad seo anns a’ program: Theàrlaich tha thog thioram Thormoid thuirt thogail theth Thiriodh thèid thuit thairis Thìr thoir tharraing theaghlach thug thòisich theab thàinig thilg thall thachair thilgeil thighinn Dh’ fhaodadh an tidsear ceistean fhaighneachd an dèidh a’ phrògraim airson toirt air a’ chloinn faclan le ‘th’ a chleachdadh.

• Càite an robh Tormod an Tuaisdear? (Thall thairis).

• Dè an t-ainm a bha air an dùthaich far an robh e? (Mòr Thìr).

• Carson a chaidh e thairis gu Mòr Thìr? (A thogail chuideaman).

• Dè ghabh e ri òl anns a’ chafaidh? (Cupa teoclaid teth).

• Dè thachair dhan chupa a bha aige? (Thuit e).

• Dè thachair do Thormod nuair a bha e air an àrd-ùrlar? (Theab e tuiteam).

• An do thog e an cuideam nuair a bha e air an àrd-urlar? (Thog).

• Cò dha a bha e a’ dol a shealltainn an duais a bhuannaich e? (Dha theaghlach).

Nì na litrichean ‘t’ agus ‘h’ còmhla aig toiseach facail am fuaim ‘h’ a chuid as motha den ùine, ach uaireannan nì iad fuaim eile – fuaim sàmhach. Ged a tha am prògram seo a’ toirt sùil air ‘th’ a’ dèanamh an fhuaim ‘h’, dh’fhaodadh an tidsear innse dhan chloinn mar a bhios ‘th’ uaireannan sàmhach aig toiseach facail. Seo liosta de dh’ fhaclan le ‘th’ sàmhach aig toiseach gach facal. Ghabhadh iad seo cleachdadh airson eadar-dhealachadh a dhèanamh eadar an dà fhuaim an nì ‘th’. thrabhaig thrang thràth threalaich threòraich thriantan throich throigh throimhe throm thruinnsear

Page 9: CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM BAILE …downloads.bbc.co.uk/alba/foghlam/tidseir/pdf/2004/baile...2 CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM BAILE MHUILINN FOGHAR 2004 bbc.co.uk/foghlam Fiosrachadh

9

CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM BAILE MHUILINN FOGHAR 2004

bbc.co.uk/foghlam

PRÒGRAM 6: ‘sh’ Mun phrògram Anns a’ phrògram seo tha sinn a’ toirt sùil air an fhuaim a nì ‘s’ agus ‘h’ còmhla aig toiseach facail. Tha Seanair Mairead a’ tighinn air cheilidh oirre fhèin agus Sailidh agus tha e ag èisteachd ri stòraidh mu dheidhinn Seonaidh agus Seònaid is iad a’ faighinn deiseil airson pàrtaidh Oidhche Shamhna. Faclan a’ tòiseachadh le ‘sh’ Cluinnidh sinn iad seo anns a’ program: Sheonaidh shiubhal shuiteis shocair Sheònaid sheasamh shuipear shoilleir shàraich sheacaid shìos sheall sheanair shona sheòl sheachd shuas shuidh sheanmhair shealladh sheas shìthiche shìn Shathairn’ sheinn Shamhna shàbhail sheòladair shiosar sheachdain Dh’fhaodadh an tidsear ceistean fhaighneachd an dèidh a’ phrògraim airson toirt air a’ chloinn faclan le ‘sh’ a chleachdadh.

• Thàinig seanair Mairead a-staigh dhan chafaidh. Càite an robh e roimhe sin? (Na sheasamh a’ feitheamh airson bus.)

• Càite an robh Sailidh a’ sgioblachadh? (Shuas air an lobht.)

• An do sheòl Seanair an Cuan Sgìth? ( Sheòl.)

• Bha Sailidh a’ tairgsinn truinnsear de rudeigin do Mhairead. De bh’ ann?(Truinnsear de shuiteis).

• Dè an t-ainm a bha air an stòraidh a dh’ innis Mairead? (Pàrtaidh Oidhche Shamhna).

• Thuirt Seonaidh, “Tha mise airson a bhith nam…”(Sheòladair).

• Thuirt Seònaid, “Tha mise airson a bhith nam…” (Shìthiche).

• Dè an t-aodach a fhuair iad do Sheonaidh? (Ad seòladair a Sheanair agus a sheacaid).

• Dè chuir Seònaid oirre? (Sgiorta shìthiche).

• Dè rinn iad aig a’ phartaidh? (Shìn iad sios a dh’ fhaighinn ùbhlan agus sheinn iad òrain Oidhche Shamhna).

Page 10: CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM BAILE …downloads.bbc.co.uk/alba/foghlam/tidseir/pdf/2004/baile...2 CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM BAILE MHUILINN FOGHAR 2004 bbc.co.uk/foghlam Fiosrachadh

10

CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM BAILE MHUILINN FOGHAR 2004

bbc.co.uk/foghlam

PRÒGRAM 7: ‘dh’ Mun phrògram Anns a’ phrògram seo, tha sinn a’ toirt sùil air an fhuaim a nì ‘d’ agus ‘h’ còmhla aig toiseach facail. Tha fear-obrach a’ dèanamh ùpraid anns a’ chafaidh is e air a dheoch a dhòrtadh agus an doras a dhùnadh le brag! Ach tha Mairead airson gun èist e ris an stòraidh mun dà dhruid dhubh ‘s an dà ad dhonn. Saoil am faigh iad ad a chòrdas riutha?

Faclan a’ tòiseachadh le ‘dh’ Cluinnidh sinn iad seo anns a’ program: Dhòmhnaill dhachaigh dhòrn dhut Dhùgain dhàrna dhòirt dhuinn Dhòthaig dhan dhol dhuilich dha dhòigh dhubh dhruid dhonn dhùin dhùineas Dh’fhaodadh an tidsear ceistean fhaighneachd an dèidh a’ phrògraim airson toirt air a’ chloinn faclan le ‘dh’ a chleachdadh.

• Carson a bha Mairead mi-thoilichte le Dòmhnall am fear-obrach? (Dhòirt e a dheoch agus dhùin e an doras le brag).

• Dè thug Sailidh do Dhòmhnall? (Cupa tì agus briosgaid no dhà).

• Cò chaidh a cheannach adan ann am bùth an Dràgain? (Dà dhruid dhubh).

• Dè seòrsa ad a bha Dòthag airson a cheannach? (Ad dhonn).

• ‘S dè seòrsa ad a dh’ iarr i do Dhùgan? (Ad dhubh).

• Càite an do sheall Dòthag nuair a dh’ fheuch i oirre an ad dhonn? (Sheall i dhan sgàthan).

• Dè thachair mus do ràinig iad dhachaigh? (Thàinig fras agus dhòirt an t-uisge air ad dhonn Dòthaig).

• Dè seòrsa gàire a-rinn an dràgan? (Dhoth-dhoth-dhoth, dhuth-dhuth-dhuth).

• An do dhòirt Dòmhnall càil nuair a dh’fhalbh e? (Cha do dhòirt).

• An do dhùin e an doras le brag? (Cha do dhùin).

Nì na litrichean ‘d’ agus ‘h’ còmhla aig toiseach facail diofar fhuaimean a rèir dè na litrichean a tha a’ tighinn às an deidh. Ged tha am prògram seo a’ coimhead air ‘dh’ mar fhuaim leathann s dòcha gum biodh an tidsear airson ìnnse dhan chloinn mun fhuaim eile a nì ‘d’ agus ‘h’ còmhla aig toiseach facail. Seo liosta de dh’fhaclan le ‘dh’ mar fhuaim caol. Ghabhadh iad seo cleachdadh airson eadar-dhealachadh a dhèanamh eadar ‘dh’ mar fhuaim leathann agus ‘dh’ mar fhuaim caol. dheth dheich dhìthean dhiubh dhiofar dhèidh dhith dhìnnear dhiallaid dhearg dhìot dhiùid dheoch dhìcheall dhìreadh dhìom dhèanamh dhìochuimhnich

Page 11: CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM BAILE …downloads.bbc.co.uk/alba/foghlam/tidseir/pdf/2004/baile...2 CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM BAILE MHUILINN FOGHAR 2004 bbc.co.uk/foghlam Fiosrachadh

11

CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM BAILE MHUILINN FOGHAR 2004

bbc.co.uk/foghlam

PRÒGRAM 8: dh’ Mun phrògram Anns a’ phrògram seo tha sinn a toirt sùil air an fhuaim a nì ‘d’ agus ‘h’ le cromag aig toiseach facail. Is e Latha Naomh Valentine a th’ ann agus tha Salaidh a’ feitheamh ris a’ phost 's dùil aice ri tòrr chairtean. Tha am post a’ tighinn agus tha Salaidh glè thoilichte leis na cairtean a tha i a’ faighinn - tha iad aice air an crochadh mun cuairt a’ choimpiutair! Gheibh sinn a-mach anns an stòiridh a faigh am post fhèin rudeigin math troimh 'n phost!

Faclan a’ tòiseachadh le dh’ Cluinnidh sinn iad seo anns a’ program: dh’ èist dh’ ith dh’ èisteachd dh’ ithinn dh’ èirich dh’ iarr dh’ èirigh dh’ innse dh’ èigh dh’ innis dh’ ionnsaich Dh’fhaodadh an tidsear ceistean fhaighneachd an dèidh a’ phrògraim airson toirt air a' chloinn faclan le dh’ a chleachdadh.

• Carson a bha am post sgìth? (Dh’èirich e tràth anns a’ mhadainn).

• Dè am biadh a dh’ ith e? (Dh’ ith e a bhracaist).

• Dè dh’ iarr am post air Salaidh anns a’ chafaidh? (Dh’ iarr e a bhracaist).

• Dè bha Mairead a’ dol a dhèanamh air a’ choimpiutair? (Bha i a’ dol a dh’ innse stòraidh).

• Ciamar a bha fios aig Sailidh gu robh an t-uisge gu bhith ann? (Dh’èist i ris an rèidio).

• Tha tiotal na stòraidh ag innse gun do dh’ith am post cus de rudeigin. Dè bh’ ann? (Dh’ ith e cus teòclaid).

• Cò dh’innis air an rèidio gu robh stoirm gu bhith ann? (Dh’innis fear nan naidheachdan).

• Theab am post a bhi air a sguabadh air falbh. Ciamar? (Dh’èirich a’ ghaoth gu làidir).

• Bha e gu math toilichte nuair a chunnaic e gu robh parsail ann dha fhèin. Dè dh’èigh e? (Dh’èigh e, “Dh’ iarr mi parsail ‘s fhuair mi e!”).

• Dè rinn e leis na suiteis teòclaid a bha anns a’ pharsail? (Dh’ith e a h-uile aon dhiubh). Nì na litrichean ‘d’ agus ‘h’ le cromag aig toiseach facail diofar fhuaimean a rèir dè na litrichean a tha a’ tighinn às an deidh. Ged tha am prògram seo a’ coimhead air dh’ mar fhuaim caol, ‘s dòcha gum biodh an tidsear airson innse dhan chloinn mun fhuaim eile a nì ‘d’ agus ‘h’ le cromag aig toiseach facail. Seo liosta de dh' fhaclan le dh' mar fhuaim leathann. Ghabhadh iad seo cleachdadh airson eadar-dhealachadh a dhèanamh eadar dh' mar fhuaim leathann agus dh' mar fhuaim caol. dh’òl dh’atharraich dh’obair dh’aindeoin dh’aithghearr dh’àite dh’aithnich dh’Alba

Page 12: CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM BAILE …downloads.bbc.co.uk/alba/foghlam/tidseir/pdf/2004/baile...2 CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM BAILE MHUILINN FOGHAR 2004 bbc.co.uk/foghlam Fiosrachadh

12

CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM BAILE MHUILINN FOGHAR 2004

bbc.co.uk/foghlam

PRÒGRAM 9: dh’fh Mun phrògram Anns a’ phrògram seo, tha sinn a’ toirt sùil air an fhuaim a nì na litrichean ‘d’ agus ‘h’ còmhla ri ‘f’ agus ‘h’ le cromag eatorra aig toiseach facail – dh’fh. Tha Sailidh air a sporan a chall 's chan eil cuimhne aice càite an do dh’ fhàg i e. Tha am polasman a’ tighinn dhan chafaidh airson a cuideachadh 's tha e cuideachd ag èisteachd ris an stòraidh mu bhalach beag, Fionnlagh, a tha an-còmhnaidh a’ fàgail a làraidh às a dhèidh. Tha a Dhadaidh a’ dèanamh cleas air ‘s a’ cur na làraidh am falach. Saoil an lorg e i? Faclan a’ tòiseachadh le dh’fh Cluinnidh sinn iad seo anns a’ program: dh’fhàg dh’fhalaich dh’fhòn dh’fhuirich dh’fhaighnich dh’fhàs dh’fhosgail dh’fhalbh dh’fhairich dh’fhaclan Dh’ fhaodadh an tidsear ceistean fhaighneachd an dèidh a’ phrògraim airson toirt air a’ chloinn faclan a tha a’ tòiseachadh le dh’fh a chleachdadh.

• Chaill Sailidh a sporan. Càite an robh i a’ smaointinn an do dh’fhàg i e? (Bha i a’ smaointinn gun do dh’ fhàg i e air a’ bhòrd, ann an oisean nan leabhraichean agus a-muigh).

• An do dh’fhàg i e anns a’ chàr? (Dh’fhàg).

• Ciamar a bha fios aig Peadar am Poileasman gun robh feum aig Mairead agus Sailidh air? (Dh’fhòn

Mairead thuige).

• Dè rinn Dadaidh leis an làraidh aig Fionnlagh? (Dh’fhalaich e i).

• De dh’fhaighneachd Fionnlagh nuair a bha e a’ siubhal airson a làraidh? (Dh’fhaighneachd e, “Càite bheil mo làraidh?)

• Dè rinn am polasman airson Fionnlagh a chuideachadh? (Dh’fhòn e an oifis).

• Dè bha ceàrr air Fionnlagh aig deireadh an là? (Dh’fhàs e sgìth).

• Chuir Dadaidh an làraidh ann am bogsa. Càite an do dh’fhàg e am bogsa? (Dh’fhàg e e air leabaidh Fhionnlaigh).

• Cia mheud isean a dh’fhalbh anns an rann aig Oisean? (Dh’fhalbh seachd uile gu lèir).

Nì na litrichean ‘d’ agus ‘h’ còmhla ri ‘f’ agus ‘h’ le cromag eatorra barrachd is aon fhuaim a rèir dè na litrichean a tha a’ tighinn às an dèidh. Ged a tha am prògram seo a’ toirt sùil air dh’fh mar fhuaim leathann, 's dòcha gum biodh an tidsear airson innse dhan chloinn mun fhuaim eile a nì dh’ fh aig toiseach facail. Seo liosta de dh’ fhaclan le dh’fh mar fhuaim caol. Ghabhadh iad seo cleachdadh airson eadar-dhealachadh a dhèanamh eadar dh’fh mar fhuaim leathann agus dh’fh mar fhuaim caol. dh’Fhearchar dh’fhios dh’fheumadh dh’Fhionnlagh dh’fheumas dh’fheum dh’fheuch

Page 13: CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM BAILE …downloads.bbc.co.uk/alba/foghlam/tidseir/pdf/2004/baile...2 CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM BAILE MHUILINN FOGHAR 2004 bbc.co.uk/foghlam Fiosrachadh

13

CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM BAILE MHUILINN FOGHAR 2004

bbc.co.uk/foghlam

PRÒGRAM 10: ‘gh’ Mun phrògram Anns a’ phrògram seo, tha sinn a’ toirt sùil air an fhuaim a nì ‘g’ agus ‘h’ còmhla aig toiseach facail. Tha neach-ceannach a’ tighinn a-staigh dhan bhùth sa siubhal airson rudeigin dha phiuthar. Fhads’ a tha e anns a’ bhùth tha e a’ feuchainn ri òran a sheinn. Abair seinn mhath! Tha e ag èisteachd ris an stòraidh a th’ aig Mairead ri innse mun ghobhar a bhiodh a’ goid rudan bho dhaoine. Saoil an glac duine e ‘s e a’ dol a dh’ fheuchainn ri glasraich a ghoid? Faclan a’ tòiseachadh le ‘gh’ Cluinnidh sinn iad seo anns a’ program: Ghlaschu ghòbhlag ghoid ghleusda ghàirdean ghlùin ghabhail ghrànda ghualainn ghràidh ghluais ghorm ghloinne ghlasraich ghoideadh ghobha ghràineag ghlan ghobhar ghuineach Dh’fhaodadh an tidsear ceistean fhaighneachd an dèidh a’ phrògraim airson toirt air a’ chloinn faclan a tha a’ tòiseachadh le ‘gh’ a chleachdadh.

• Nuair a bha Sailidh a’ togail pìosan glainne bhon làr, dè thachair dhi? (Ghoirtich i a glùin).

• Cò bha ann an Goraidh? (Mac a’ ghobha).

• Cò bha ann an Goban? (An gobhar aig a’ ghobha).

• Bhiodh Goban an gobhar uaireannan mì-mhodhail. Dè rinn e air Mòr, Nighean a’ Mhuilleir? (Ghoirtich e i).

• Dè thuirt Mòr a ghoideadh an gobhar nam faigheadh e an cothrom? (Ghoideadh e a’ ghlasraich as a’ ghàrradh).

• Ciamar a fhuair Goban an gobhar a-mach às an t-seada ghorm? (Choisich e a-mach air doras na seada a

chionns nach robh e air a ghlasadh).

• Cò bha am measg sreath de churrain anns a’ ghàrradh? (A’ ghràineag ghleusda).

• Dè thachair nuair a leum Goban tarsainn a’ bhalla? (Ghoirtich e e fhèin agus a’ ghràineag ghleusda).

• Cha robh an gobha ro thoilichte. Dè rinn e ri Goban? (Ghlas e Goban anns an t-seada). Nì na litrichean ‘g’ agus ‘h’ aig toiseach facail diofar fhuaimean a rèir dè na litrichean a tha a’ tighinn às an deidh. Ged a tha am prògram seo a’ coimhead air ‘gh’ mar fhuaim leathann, ‘s dòcha gum biodh an tidsear airson innse dhan chloinn mun fhuaim eile a nì ‘g’ agus ‘h’ aig toiseach facail. Seo liosta de dh’ fhaclan le ‘gh’ mar fhuaim caol. Ghabhadh iad seo cleachdadh airson eadar-dhealachadh a dhèanamh eadar ‘gh’ mar fhuaim caol agus ‘gh’ mar fhuaim leathann. ghealach gheibh gheal gheata gheall gheur ghèile ghealltainn gheansaidh ghearradh ghille gheàrr ghèam gheamhradh ghiomach

Page 14: CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM BAILE …downloads.bbc.co.uk/alba/foghlam/tidseir/pdf/2004/baile...2 CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM BAILE MHUILINN FOGHAR 2004 bbc.co.uk/foghlam Fiosrachadh

14

CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM BAILE MHUILINN FOGHAR 2004

bbc.co.uk/foghlam

PRÒGRAM 11: -ch Mun phrògram Anns a’ phrògram seo, tha sinn a’ toirt sùil air an fhuaim a nì ‘c’ agus ‘h’ còmhla aig deireadh facail. Tha Mairead agus Sailidh a’ gabhail pàirt ann an co-fharpais is iad a’ faicinn cò as fheàrr air stòraidh innse. Fhad ‘s a tha iad ag innse na stòraidh tha iad a’ feuchainn ri faclan le ‘ch’ aig an deireadh a chleachdadh. Chì sinn cò as fheàrr air seo a dhèanamh! Nach math gu bheil Ruairidh Rèitire mun cuairt airson innse dhuinn cò tha a’ buannachadh na farpais. Faclan a’ crìochnachadh le -ch Cluinnidh sinn iad seo anns a’ program: laghach ciallach bòidheach biorach greannach gòrach luch fliuch loch deoch uabhasach neònach chreach toiseach t-Earrach bodach iasgach sàmhach grianach gruamach chladach ach ghainmheach a-steach balach tùrsach feargach aodach cìnnteach salach mullach clach a-maireach a-mach bonnach cheannach buileach boireannach anmoch laghach mosach falach each dìreach sionnach coineanach acrach speach cailleach Dh’fhaodadh an tidsear ceistean fhaighneachd an dèidh a’ phrògraim airson toirt air a’ chloinn faclan a tha a’ crìochnachadh le ‘ch’ a chleachdadh.

• Cò thàinig a-steach dhan chafaidh an-diugh? (Thàinig Ruairidh Rèitire a-steach).

• Dè am pàirt den choimpiutair a bhios Mairead a’ cleachdadh gu math tric nuair a tha i ag innse na stòraidh? (Luch a’ choimpiutair).

• Dè bha am bodach a’ dèanamh aig toiseach na stòraidh? (Bha e ag iasgach ).

• Càite an robh e ag iasgach? (Bha e ag iasgach air loch).

• Cha d’ fhuair am bodach iasg idir. Ciamar a bha e a’ faireachdainn? (Bha e gruamach).

• Dè thachair dha nuair a bhuail e a chas air clach bhiorach? (Thuit e a-steach dhan loch).

• Dè bha ceàrr air aodach? (Bha e fliuch agus salach).

• Shuidh e sìos agus thug e a-mach rudeigin ri ithe. Dè bh’ ann? (Bonnach).

• Cò dh’ith na criomagan beaga arain a bha air fhàgail? (An luch acrach).

• Bha am bodach sgìth ‘s cha robh e air dad ithe. Carson a chaidh e dhan bhùth air a rathad dhachaigh? (Airson iasg a cheannach).

Nì na litrichean ‘c’ agus ‘h’ aig deireadh facail diofar fhuaimean a rèir dè na litrichean a tha a’ tighinn às an deidh. Ged a tha am prògram seo a’ coimhead air -ch mar fhuaim leathann, ‘s docha gum biodh an tidsear airson innse dhan chloinn mun fhuaim eile a nì ‘c’ agus ‘h’ còmhla aig deireadh facail. Seo liosta de dh’fhaclan le -ch mar fhuaim caol. Ghabhadh iad seo cleachdadh airson eadar-dhealachadh a dhèanamh eadar -ch mar fhuaim caol agus -ch mar fhuaim leathann.

Page 15: CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM BAILE …downloads.bbc.co.uk/alba/foghlam/tidseir/pdf/2004/baile...2 CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM BAILE MHUILINN FOGHAR 2004 bbc.co.uk/foghlam Fiosrachadh

15

CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM BAILE MHUILINN FOGHAR 2004

bbc.co.uk/foghlam

ceannaich bodaich tòisich ghainmhich boireannaich aodaich cloich bonnaich balaich eich caillich coinnich coisich eacarsaich càraich dealanaich cuimhnich criochnaich deasaich duilich

Page 16: CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM BAILE …downloads.bbc.co.uk/alba/foghlam/tidseir/pdf/2004/baile...2 CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM BAILE MHUILINN FOGHAR 2004 bbc.co.uk/foghlam Fiosrachadh

16

CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM BAILE MHUILINN FOGHAR 2004

bbc.co.uk/foghlam

PRÒGRAM 12: -dh Mun phrògram Anns a’ phrògram seo tha sinn a’ toirt sùil air an fhuaim a nì ‘d’ agus ‘h’ aig deireadh facail. Tha Mairead agus Sailidh a’ gabhail pàirt ann an co-fharpais. Tha iad ag innse stòraidh is tha tòrr fhaclan a’ crìochnachadh le ‘dh’ innte. Tha sinn a’ tachairt ri Murchadh agus tha esan a’ cunntais cia mheud facal le ‘dh’ aig an deireadh a tha iad a’ cleachdadh anns an storaidh. Chì sinn cò as fheàrr air seo a dhèanamh! Faclan a’ crìochnachadh le -dh Cluinnidh sinn iad seo anns a’ program: sgrìobhadh geamhradh samhradh deàrrsadh gàrradh glanadh breabadh putadh slaodadh cunntadh tuilleadh criochnachadh gnogadh cleachdadh còrdadh cuimhneachadh Murchadh fosgladh cuideachadh leughadh cromadh seargadh seacadh crionadh lìonadh dòrtadh achadh cruinneachadh deireadh pathadh spùtadh fhrasadh aithneachadh gearradh tionndadh crùbadh dùnadh dustadh Dh’fhaodadh an tidsear ceistean fhaighneachd an dèidh a’ phrògraim airson toirt air a’ chloinn faclan a tha a’ crìochnachadh le ‘dh’ a chleachdadh.

• Cò bha a’ gnogadh aig an doras? (Murchadh).

• Carson a thàinig e dhan mhuileann? (Airson na bha iad air cleachdadh de dhealan a chunntadh).

• Dè bha aig Mairead agus Sailidh ri dhèanamh fhad ‘s a bha iad ag innse na stòraidh? (Bha aca ri faclan a’ crìochnachadh le ‘dh’ a chleachdadh).

• Dè bha ceàrr air sgrion a’ choimpiutair? (Bha e feumach air a ghlanadh).

• Cò mu dheidhinn a bha an stòraidh? (Anna anns a’ ghàrradh).

• Dè bha ceàrr air na flùraichean a bha anns a’ ghàrradh?(Bha iad a’ seargadh, a’ seacadh agus a’crìonadh).

• Carson a bha an gàrradh cho tioram? (Bha a’ ghrian a’ deàrrsadh air).

• Bha an gàrradh feumach air uisge agus fhuair Anna pucaid a-mach as an t-seada. Dè thachair? (Bha toll anns a’ phucaid is thòisich an t-uisge air dòrtadh air a brògan).

• Cò às a bha an ceòl a chual’ i a’ tighinn? (Bha e a’ tighinn à achadh).

• Bha siorcas air tighinn airson an deireadh sheachdain. Dè bha an t-ailbhean a chunnaic i a’ dèanamh?

(Bha e a’ slaodadh agus a’ putadh bogsaichean mòra).

• Carson a bha Anna airson gun tigeadh e dhan ghàrradh aice? (Airson gu spùtadh e uisge air na flùraichean a bha anns a’ ghàrradh).

• Dè thachair do na flùraichean nuair a fhuair iad deoch uisge? (Cha robh an cinn a’ cromadh idir).

Nì na litrichean ‘d’ agus ‘h’ aig deireadh facail diofar fhuaimean a rèir dè na litrichean a tha a’ tighinn às an dèidh. Ged a tha am prògram seo a’ coimhead air -dh mar fhuaim leathann, ‘s dòcha gum biodh an tidsear airson innse dhan chloinn mun fhuaim eile a nì ‘d’ agus ‘h’ aig deireadh facail.

Page 17: CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM BAILE …downloads.bbc.co.uk/alba/foghlam/tidseir/pdf/2004/baile...2 CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM BAILE MHUILINN FOGHAR 2004 bbc.co.uk/foghlam Fiosrachadh

17

CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM BAILE MHUILINN FOGHAR 2004

bbc.co.uk/foghlam

Seo liosta de dh’ fhaclan le -dh mar fhuaim caol. Ghabhadh iad seo cleachdadh airson eadar-dhealachadh a dhèanamh eadar -dh mar fhuaim leathann agus -dh mar fhuaim caol.

dannsaidh èistidh feumaidh stòraidh leughaidh cuiridh bithidh Sailidh sgrìobhaidh chaidh cafaidh cluinnidh

Page 18: CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM BAILE …downloads.bbc.co.uk/alba/foghlam/tidseir/pdf/2004/baile...2 CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM BAILE MHUILINN FOGHAR 2004 bbc.co.uk/foghlam Fiosrachadh

18

CRAOLADH NAN GAIDHEAL FOGHLAM BAILE MHUILINN FOGHAR 2004

bbc.co.uk/foghlam

PRÒGRAM 13 : -gh Mun phrògram Anns a’ phrògram seo tha sinn a’ toirt sùil air an fhuaim a nì ‘g’ agus ‘h’ còmhla aig deireadh facail. Tha fear-reic a’ tadhal 's a’ chafaidh an-diugh agus e ag iarraidh deoch fhuar ri òl a chionns ‘s gu bheil e a’ faireachdainn an teas a-muigh. ‘S e chòrdadh ris a bhith air an tràigh air latha mar seo 's chan ann ag obair! Tha e ag èisteachd ris an stòraidh mu dheidhinn an latha a bha e air an tràigh ‘s a thachair e ri Hugo an cù. Abair gu robh latha aca!

Faclan a’ crìochnachadh le -gh Cluinnidh sinn iad seo anns a’ program: muigh staigh laigh faigh dhòigh tràigh taigh dhachaigh pàigh bàigh Fhionnlaigh nigh Dh’fhaodadh an tidsear ceistean fhaighneachd an dèidh a’ phrògraim airson toirt air a’ chloinn faclan a tha a’ crìochnachadh le -gh a chleachdadh.

• Carson a bha Murchadh ag iarraidh deoch fhuar? (Bha e cho teth a-muigh).

• Bhiodh e air còrdadh ris a bhi ann an àite air choireigin eile, s chan ann sa chafaidh. Càite? (Air an tràigh).

• Càite an robh Fionnlagh ag obair? (Aig an taigh).

• Dè an t-ainm a bha air an stòraidh? (“Air an tràigh”).

• Dè thuirt Sìne ri Hugo nuair a dh’ iarr i air sìneadh air an tràigh?” (“Laigh thusa sios”).

• Dè thachair nuair a thuit Fionnlagh thairis air a’ chù? (Laigh e air a dhruim).

• Càite an deach Hùgo air cuairt? (Chaidh e cuairt mu na bàigh).

• Càite an deach a h-uile duine aig deireadh an latha? (Chaidh iad dhachaigh). Nì na litrichean ‘g’ agus ‘h’ aig deireadh facail diofar fhuaimean a rèir dè na litrichean a tha a’ tighinn às an deidh. Ged a tha am prògram seo a’ coimhead air -gh mar fhuaim caol, ‘s dòcha gum biodh an tidsear airson innse dhan chloinn mun fhuaim eile a nì ‘g’ agus ‘h’ aig deireadh facail. Seo liosta de dh’fhaclan le -gh mar fhuaim leathann. Ghabhadh iad seo cleachdadh airson eadar-dhealachadh a dhèanamh eadar -gh mar fhuaim leathann agus -gh mar fhuaim caol. Fionnlagh lagh glaodh stuagh sluagh laogh tagh